Jump to content

Iain Eairdsidh MacAsgaill

O Uicipeid
Iain Eairdsidh MacAsgaill
Beatha
Breith Beàrnaraigh, 19 dhen Ghearran 1898
Dùthaich  Alba
Bàs 4 dhen Ògmhios 1934
Àite-adhlacaidh Cladh Karrakatta
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, cìobair, saighdear, obraiche agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd
Seirbheis san arm
Strì Blàr Loos

B' e bàrd Gàidhlig, oifigear-poileis agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 18984 Ògmhios 1934) (Beurla:Iain Archie MacAskill, John Archie MacAskill[1]) B' e a shloinneadh Iain-Eirdsidh Dhòmhnaill Thormoid-Shaighdeir.[2]

Rugadh e air 19 an Gearran 1898 agus chaochail e air 4 an t-Ògmhios 1934.[1]

B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann.[2] Bha piuthar aige, Effie.[2] Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe.[1]

Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh. Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915.[2]

Aig deireadh a' chogaidh, bha e air a ghluasad on 5mh gus an 3mh battalion.[2] Anns an Dàmhair 1919, fhuair Iain Eairdsidh obair na chonstabal le poileas Baile Glaschu. Bha e cuideachd a' cluich ann an còmhlan-pìoba a' Phoileas Ghlaschu a bhuannaich Farpais an t-Saoghail ann an 1920. As dèidh ceithir bliadhna, ann an 1923, dh'fhàg e am Poileas is thill e a Bheàrnaraigh.[3] Dh'obair e air an tuathanas aig an t-Urr. Tormod Moireasdan.[2]

An Astràilia

[deasaich | deasaich an tùs]
An Cladh Karrakatta am Peairt, Astràilia

Ann an 1924, rinn Iain Eairdsidh roghainn Alba fhàgail. Bha cothroman tarraingeach ann an Astràilia ann an obair fearainn do dhaoine òga. Sheòl e air Latha na Bliadhna Ùire 1925 air an SS Themistocles.[2]

An toiseach, dh'fhuireach e ann an campa ann am 'Borvedale', ann an Lake Varley, Astràilia an Iar. Bha obair aige, ach bhris a shlàinte agus bha fiachan aige. An aghaidh a thoil, chaidh a bhràthair, Calum, a-nall bho Ontario gu Astràilia an Iar ga chuideachadh.[4][3] Thill Calum as dèidh dà bhliadhna, ach dh'fhàs cùisean na bu mhiosa do Iain Eairdsidh. Chaill e am fearainn aige, Borvedale. Bha e a' cosnadh bith-beò le bhith ag obair air tuathanasan eile. Dh'fhulaing a slàinte a-rithist. Chaochail e ann an 1934. Chaidh a thìodhlaiceadh anns a' phìos talmhainn leis an àireamh 377 ann an Cladh Karrakatta, Peairt.[3]

Ann an 1983, chuir an Dr Iain Napier MacAsgaill leac, no clach-uaighe, far an robh Iain Eairdsidh a thìodhlaiceadh.[3]

Ann an 2010, 76 bliadhna as dèidh a bhàs, rinn ogha a bhràthair, Alina NicAsgaill Simpson, iomairt gus a dhust a thoirt air ais a eilean a bhreith, Beàrnaraigh. Thog Alina £6000 taobh a-staigh sia mìosan gus miann bràthair a seanair a choileanadh.[3]

Foillseachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 1961. An ribheid chiùil: being the poems of Iain Archie MacAskill 1898-1933, Bard of Berneray Harris deas. Alick Morrison (Stirling: printed for the editor by Learmonth)

Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Martin, Ruth Lee. 2013. 'Paradise Imagined: Songs of Scots Gaelic migrants in Australia, 1850–1940' ann an Humanities Research àir. XIX. No.3. 2013. dd. 27-44.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 Clach-uaighe Iain Eairdsidh mar a chithear ann an "Tilleadh Dhachaigh"
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 2.5 2.6 "John Archie MacAskill" air làrach Hebridean Connections. Leughte 6 Faoilleach 2014
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 Trusadh: Tilleadh Dhachaigh BBC Alba a' chiad chraoladh Diluain 14 Ògmhios 2010. 60 mionaidean. "Tha Alina NicAsgaill Simpson am beachd turas air leth a gabhail gus dust bràthair a seanair a thoirt air ais à Astràilia a dh'Alba. Chaochail Iain Eairdsidh MacAsgaill, Bàrd Bheàrnaraigh, ann an naoi ceud deug trichead 's a ceithir. Chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh aige ann am bochdainn agus tha a' bhàrdachd agus na litrichean a chur e dhachaigh a' toirt iomradh air a' mhiann a bh' aige tilleadh à Astràilia gu eilean àraich. Seachdad 's a sia bliadhna as dèidh a bhàs tha Alina an dùil a' mhiann aige a choileanadh. Ach airson a miann a thoirt gu buil, feumaidh Alina £6000 a thogail taobh a-staigh sia mìosan. An dèan i a chùis? Sgeulachd dhrùidhteach, mhisneachail mu bhoireannach dhìorrasach 's a turas sònraichte gus an urram agus an spèis air an robh e airidh a thoirt dha bràthair a seanair."
  4. MacIlleChiar, Pàdruig. 2012. Sgeul nan Eilthireach a dh’fhalbh à Beàrnaraigh na Hearadh Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh/Smashwords Edition d. 19, leabhar-d.

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Air Tobar an Dualchais

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Am bàrd Iain Eàirdsidh MacAsgaill a' falbh gu Astràilia (Àir. a' Chlàir - 74979) Raonaid NicLeòid ann an 1980 ag innse mun turas mu dheireadh a chunnaic i am bàrd Iain Eàirdsidh MacAsgaill mus do dh'fhàg e Beàrnaraigh airson Astràilia aig deireadh 1924.
  • Òran caillte le Iain Eàirdsidh MacAsgaill (Àir. a' Chlàir - 74982) Raonaid NicLeòid ann an 1980 ag ràdh gun do rinn am bàrd Beàrnarach Iain Eàirdsidh MacAsgaill òran cianalais an Astràilia a chuir e gu a bràthair Aonghas ach nach eil sgeul air.