Tiomnadh Bhruis

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Taisbeanadh Obar Bhrothaig)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Lethbhreac den tiomnadh air a ghlèidheadh ann an Tasg-lannan Nàiseanta na h-Alba.

'S e Tiomnadh Bhruis air neo-eisimeileachd na h-Alba foillseachadh às leth Rìgh Raibeirt Bhruis a chaidh a sgrìobhadh le Bernard de Linton, aba Obar Bhrothaig agus a chur a dh'ionnsaigh a ' Phàpa Eòin XXII, le òrdagh Àrd-luchd-riaghlaidh na h-Alba an dàil na Pàrlamaid ann an Abaid Obar Bhrothaig fo Uachdranachd an Rìgh, Raibeart Brus, an 6mh latha den Ghiblean,1320.[1]

Aig an àm san deach an tiomnadh seo a chur an cèill bha Raibeart Brus, Rìgh nan Albannach, fo ascaoin na h-Eaglaise ri linn a' Phàpa, Eòin XXII, agus bha e a-mhàin roimhe sin fo ainteisteas cheudna le òrdagh a' Phàpa Cleamain V. a thaobh murt Iain Choimin - "An Coimin Ruadh" - sa bhliadhna 1305. [2]

'S e litir a th' anns an tiomnadh seo don Phàpa Eòin XXII ag iarraidh air ascaoin a' Bhrusaich a thogail, agus mar sin suidheachadh Rìoghachd na h-Alba a neartachadh.[3]

Chaidh a sgrìobhadh anns an Laideann agus tha 39 fir (8 iarlan agus 31 barain air an ainmeachadh aig toiseach na sgrìobhainne. Ge-tà, on a fhuaras gun deach seulan eile a chur ris a' lethbhreac, (air a ghleidheadh ann an Tasg-lannan Nàiseanta na h-Alba, Dùn Èideann), tha e coltach gun robh barrachd air 39 seulan ann bho thùs.

'S e an earrann seo shìos a' phàirt den fhoillseachadh air as motha bheil de dh'iomradh:

...oir cho fada is a sheasas ceud againn beò, gu bràth cha ghèill sinn do Shasann. Chan ann airson cliù, glòr no saoibhreas a tha sinn a' cath, ach airson na saorsa sin às aonais nach maireann idir duine trèibhdhireach.[4]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. D.M.N.C, Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich, "Tiomnadh Bhruis" t-d, 361; CLÀR 2014
  2. D.M.N.C, Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich, td 363; CLÀR 2014
  3. G Barrow: Robert the Bruce and the Scottish Identity, 1984
  4. D.M.N.C, Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich, td362; CLÀR 2014