Deasbaireachd:Tiomnadh Bhruis
Bu toil leam tiotal an t=artaigil seo atharrachadh gu "Tiomnadh Bhruis air Neo-eisimeileachd na h-Alba". Dè ur beachd?
- Chan eil mi a’ faicinn “Tiomnadh Bhruis” an àite sam bith ach san aiste sin, “Tiomnadh Bhruis air Neo-eisimeileachd na h-Alba” (Bruce’s legacy to Scottish independence) a sgrìobh Dhòmhnall Mac na Ceàrdaich mu 1920 agus a tha sa leabhar D.M.N.C. a dh’fhoillsich Lisa Storey, agus cha chuala mi an t-ainm sin roimhe. Thug mi sùil aithghearr air an aiste, agus chan eil e fiù’s làn soilleir gu bheil Dòmhnall a’ cur “Tiomnadh Bhruis...” mar ainm Gàidhlig air an declaration fhéin, seachas air an aiste a-mhàin. An comharradh as soilleire, ’s e gu bheil e a’ sgrìobhadh le ceann-litrichean faisg air toiseach a eadar-theangachaidh, “tiomnadh ud Bhruis air Neo-eisimeileachd na h-Alba” - ach chan eil ceann-litir aige air an ‘T’.
- Ach air an taobh eile dheth, ged a tha “Taisbeanadh Obar Bhrothaig” agus “Dearbhadh Obar Bhrothaig” nas cumanta air an Eadarlìon, chan eil annta, tha mi an dùil, ach eadar-theangachaidhean bhon Bheurla Declaration of Arbroath. Agus chan eil “taisbeanadh” ro mhath mar eadar-theangachadh air “declaration”, chanainn. ’S e “daigneachadh” am facal a tha aig Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, agus tha sin nas fhearr, chanainn-se.
- Ma dh’fhàgas sinn “Tiomnadh Bhruis” mar ainm air an duilleig, bu chòir “Taisbeanadh Obar Bhrothaig” agus “Dearbhadh Obar Bhrothaig” a chur ann mar ainmean eile, saoilidh mi, seach gu bheil iad cumanta air an Eadarlìon agus anns na leabhraichean.
- P.S. An déidh dhomh na tha shuas a sgrìobhadh, bhruidhinn mi ri caraid a tha gu math eòlach air eachdraidh na h-Albann, Gàidhlig fada nas fhearr aige na th’ agam, agus tha e fiù’s ag obair aig Colaiste Abaid a' Bhatail Nuaidh far an do choinnich a’ chomataidh a chur an declaration ri chéile! Cha chuala esan an t-ainm “Tiomnadh Bhruis..” riamh, agus tha e den bheachd nach biodh e freagarrach, oir chan e tiomnadh a bh’ ann, agus cha robh am Brusach féin an sàs ro mhór anns an declaration. Tha mo charaid a’ taobhadh ri “Taisbeanadh Obar Bhrothaig” mar ainm, seach gur e “taisbeanadh” am facal as fhearr air an t-seòrsa rud a bh’ ann, thuirt e (a dh’aindeoin na thuirt mise shuas), agus seach gun robh e a’ buntainn gu dlùth ri Obar Bhrothaig agus Aba Obar Bhrothaig. --Caoimhin (an deasbaireachd) 18:18, 18 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Dìreach. "Tiomnadh" a tha ag ràdh mu dheidhinn Brus "But if he should cease from these beginnings [...] we would immediately take steps to drive him out as the enemy and the subverter of his own rights and ours" ? Fhad 's as fhiosrach mi, cha robh fiù 's Brus fhèin am measg nan daoine a chur an seulan ris an t-sgrìobhainn. --Droigheann (an deasbaireachd) 00:48, 19 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- 'S e Brus a thug orra an daingneachadh a sgrìobhadh. Tha sin dearbhte ann an eachdraidh. 'S e litir a bh'ann, 's chan e "taisbeanadh". Bha iad a'taisbeanadh dhan Phàp gun robh iad saor is neo-eisimeileach, ach aig ceann a'ghnothaich, 's e litir a bh'ann a bha a'daingneachadh an còir a bhith neo-eisimeileachd is saor bho chìsean dùthcha coimhich is cèin, mar a bha Sasainn aig an àm. Cuideachd, 's e Brosnachadh Bhruis an t-ainm a chaidh a chur air "Scots Wha Hae". A bheil thu airson sin atharrachadh cuideachd? Chan eil e gu math sam bith a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig mura bheil thu deònach gabhail ri sealladh nan Gàidheal air cùisean an t-saoghail. Mar eisimpleir, 's e Battle of the Braes a'Bheurla air Blàr a'Chumhaing, a bheil thu a'dol ga atharrachadh gu Blàr na Bràighe?--Glan-adair2015 (an deasbaireachd) 10:26, 23 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Ciamar a chanas thu "straw man" sa Ghàidhlig? Chan eil duine sam bith ag ràdh gum bu chòir dhuinn eadar-theangachaidhean bhon Bheurla a chruthachadh an àite ghnàthasan-cainnte tùsail stèdhichte; ach cha bu chòir dhuinn ghàthasan-cainnte a chruthachadh air nach eil duine sam bith eòlach dìreach on tha iad eu-coltach ri Beurla. A bheil thu a' dol Àrc-eòlas atharrachadh gu Seann-sgeulachd (a tha aig Dwelly air "archeology")? --Droigheann (an deasbaireachd) 19:43, 24 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Sa chiad dol a-mach, tha mi a' dol leat gum b' fheàirrde na h-ainmean Gallta "Taisbeanadh Obar Bhrothaig" agus "Dearbhadh Obar Bhrothaig" a chur ann mar ainmean eile. A thaobh Uicipeid fhèin, 's e tùsan a tha a' cunntadh. Tha tùs Gàidhlig againn le "Tiomnadh Bhruis", ach chan eil tùs Gàidhlig sam bith ann airson Taisbeanadh Obar Bhrothaig no Dearbhadh Obar Bhrothaig. Mar sin, chan eil e ceadaichte a rèir riaghailtean Uicipeid, an tiotal dligheach seo atharrachadh mura bheil tùsan Gàidhlig agaibh air a shon. Chan eil e ceadaichte tùsan Beurla a chleachdadh airson Uicipeid na Gàidhlig — ma tha tùs Gàidhlig ann co-dhiù.--Glan-adair2015 (an deasbaireachd) 00:25, 19 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Sin an trioblaid. Nam b' e fìrinn gu bheil "Tiomnadh Bhruis" ainm stèidhichte sa Ghàdhlig (m.e. leithid Bliadhna Theàrlaich), bhiodh sin ceart gu leòr mar tiotal na duilleige seo, ach cha chreid mi gu bheil. Nam bheachd-sa chan eil aon leabhar o 1921 iomradh gu leòr - eadhon nam biodh e cinnteach gu do chleachd an t-ùghdar 'tiomnadh' mar ainm na sgrìobhainne. Tha thu a-mach air tùsan, ach tha Uicipeid mu dheidhinn tùsan seasmhach, agus cha do ghabh thu fear dhuinn idir. --Droigheann (an deasbaireachd) 00:48, 19 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Chuir mi clàr sìos an-seo far am b'urrainn dhuinn tùsan a chur sìos fhad's a tha sinn a' rannsachadh na ceist. Tha mi fhìn a' moladh nach atharraich sinn tiotal na duilleige an-dràsta gus am bi cothrom againn uile meòrachadh air agus tùsan a chur ann. 'S e deagh chothrom a th' ann dhuinn an duilleag a neartachadh agus taic a chur ri chèile leis a seo - tha deagh fhiosrachaidh agus sgrìobhaidhean ri fhaighinn aig làrach Foghlam Alba mar eisimpleir! Emain Macha (an deasbaireachd) 11:41, 20 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Eadar dà sgeul, lorg mi seo air an làrach-lìn AÀA: chan eil iad a' bruidhinn mu dheidhinn an declaration fhèin ach shaollin gu bheil e buntainneach: "It is perhaps noteworthy that the now accepted form Obar Bhrothaig does not seem to have been on record before Watson published it [1926?], and is not recorded by anyone else. Early forms of course show the name to have originally been Aberbrothock" [1].
- “Abirbrothoc” anns an litir fhéin (sa Laideann).[1] --Caoimhin (an deasbaireachd) 12:25, 23 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
Dh’fhaighnich mi de cheithrear a tha a’ teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig. Alasdair MacMhaoirn agus Gabhan Mac a’ Phearsain a tha a’ teagasg mu eachdraidh na h-Alba anns a’ mhodal Saoghal na Gàidhlig, tha iadsan a’ cleachdadh an ainm Litir Obar Bhrothaig agus tha iad gu math riaraichte leis. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Uisdean Cheape a tha a’ teagasg an MSc Cùltar Dùchasach agus Eachdraidh na h-Alba, mhol iad an t-ainm, Tagradh Obar Bhrothaig, air neo Tairgseadh Obair Bhrothaig. Cha robh duine den cheathrar air an ainm Tiomnadh Bhruis a chluinntinn, agus cha robh e a’ còrdadh ri duine aca, oir thuirt iad uile nach robh am Brusach móran an sàs ann.
- Tapadh leat. Ach chan eil tùs Gàidhlig airson gin dhen sin, a bheil? Tha tùs Gàidhlig againn airson "tiomnadh". A thaobh "Tairgseadh Obar Bhrothaig" - tha sin a' cluinntinn mar rud a chuireadh tu a-steach gu Bòrd na Gàidhlig. "Tagradh", uill, chan e tagradh a bh' ann oir bha iad a' daingneachadh gun robh iadsan is Alba neo-eisimeileach is saor, agus cha b' e ach aithneachadh a bha iad ag iarraidh air sin. Chan eil e gu diofar co-dhiù, 's e Tiomnadh Bhruis as fheàrr a tha a' glacadh brìgh na litreach, agus brìgh na h-eachdraidh a bh' air cùl na litreach agus tha tùs Gàidhlig againn air a shon. Sin an rud, chan eil e gu diofar nach robh Brus air ainm a chur ris an litir, ach bha iadsan ga sgrìobhadh na ainm-san; a thuilleadh air sin uile, b' e Brus a b' adhbhar dhaibh bhith comasach air an litir a sgrìobhadh, agus tha tiotal an tiomnaidh na chomharra de sin cuideachd. --Glan-adair2015 (an deasbaireachd) 13:47, 24 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
Dh’fheuch mi an leabhar Eachdraidh na h-Alba le Aonghas MacCoinnich, 1867. Gu mì-fhortanach, ged a tha corr is 450 duilleag sa leabhar agus pailteas mun Bhrusach agus mu Bhlàr Allt a’ Bhonnaich, cha do lorg mi dad mun litir le bhith a’ sireadh ‘Brothaig’ no ‘Bhrothaig’ no ‘Obar’ no ‘Aber’ no ‘1320’ no ‘litir’ no ‘pàpa’, no le bhith ga leughadh. --Caoimhin (an deasbaireachd) 12:55, 23 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
Ainm na Làmh-sgrìobhainn
[deasaich an tùs]Ainm na Làmh-sgrìobhainn | Tùs agus Iomradh |
---|---|
Foirgheall Obar Bhrothaig | Am Faclair Beag[2] Faclair LearnGaelic.net[3] |
Taisbeanadh Obar Bhrothaig | An Litir Beag[4]: "Tha Taisbeanadh Obar Bhrothaig no, mar a chanas daoine ann am Beurla The Declaration of Arbroath, cudromach ann an eachdraidh na h-Alba." Litir do Luchd-ionnsachaidh[5]:"tuigidh sibh ’s dòcha gu bheil i à Taisbeanadh Obar Bhrothaig no, mar a chanar ann am Beurla, The Declaration of Arbroath." |
Dearbhadh Obar Bhrothaig | Foghlam Alba: Eachdraidh na h-Alba air loidhne[7] |
Achd Ghairmeil Obar Bhrothaig | The Gaelic-English Dictionary, Colin Mark |
Glaodhach Obar Bhrothaig | An Seotal (briathrachas nan sgoiltean)[8] |
- ↑ http://www.macmountain.de/kan5.htm Air a tharraing 23 an t-Samhainn 2016
- ↑ 'Foirgheall Obar Bhrothaig', Am Faclair Beag. Air tarraing 20 Samhain 2016.
- ↑ 'Foirgheall Obar Bhrothaig', LearnGaelic.net Air tarraing 20 Samhain 2016.
- ↑ Ruairidh MacIlleathain, An Litir Beag 345. Air tarraing 20 Samhain 2016.
- ↑ Ruairidh MacIlleathain, Litir do Luchd-ionnsachaidh 649. Air tarraing 20 Samhain 2016.
- ↑ Foghlam Alba, Thoir sùil air: Sgrìobhainn. Air tarraing 22 Samhain 2016.
- ↑ Foghlam Alba, Dearbhadh Obar Bhrothaig. Air tarraing 20 Samhain 2016.
- ↑ http://www.anseotal.org.uk/results.jsp?query=Arbroath, Air tarraing 23 Samhain 2016.