An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ùr-sgeul"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b ceangal le Fionnlagh MacLeòid
Loidhne 31: Loidhne 31:
*''Cuid a' Chorra-Ghrithich'' le [[Alasdair Caimbeul]] (Alasdair a' Bhocsair), 2011
*''Cuid a' Chorra-Ghrithich'' le [[Alasdair Caimbeul]] (Alasdair a' Bhocsair), 2011
*''Suthainn Sior'' le Norma NicLeoid, nobhail, 2011
*''Suthainn Sior'' le Norma NicLeoid, nobhail, 2011
*''An Druim Bho Thuath'' le Tormod Caimbeul, nobhail, 2011
*''An Druim Bho Thuath'' le [[Tormod Caimbeul]], nobhail, 2011
*''Impireachd'' le Iain F. MacLeoid, nobhail, 2010
*''Impireachd'' le Iain F. MacLeoid, nobhail, 2010
*''Teas'' le Maoilios Caimbeul, nobhail, 2010
*''Teas'' le Maoilios Caimbeul, nobhail, 2010
Loidhne 51: Loidhne 51:
*An Taigh-Samhraidh le Aonghas Padraig Caimbeul, nobhail, 2007 ISBN 1-900901-10-2
*An Taigh-Samhraidh le Aonghas Padraig Caimbeul, nobhail, 2007 ISBN 1-900901-10-2
*Malairt Sgeil le Donnchadh MacGillIosa agus Martainn Mac an t-Saoir, sgeulachdan goirid, 2007
*Malairt Sgeil le Donnchadh MacGillIosa agus Martainn Mac an t-Saoir, sgeulachdan goirid, 2007
*Shrapnel le Tormod Caimbeul – Tormod a’ Bhocsair, nobhail, 2006
*Shrapnel le [[Tormod Caimbeul]] – Tormod a’ Bhocsair, nobhail, 2006
*Ùpraid le Éilís Ní Dhuibhne (eadar-theangachadh bho Gaeilge), nobhail bheag, 2006
*Ùpraid le Éilís Ní Dhuibhne (eadar-theangachadh bho Gaeilge), nobhail bheag, 2006
*Dìleas Donn le Norma NicLeòid, nobhail, 2006
*Dìleas Donn le Norma NicLeòid, nobhail, 2006

Mùthadh on 09:22, 21 dhen t-Samhain 2013

iomhaigh Ùr-Sgeul

'S e iomairt-foillseachaidh neo-eisimeileach a th' ann an Ùr-Sgeul, le cuideam air rosg Gàidhlig ùr.

Eachdraidh

Chaidh Ùr-Sgeul a chur air bhonn ann an 2003 gus rosg Gàidhlig ùr a bhrosnachadh. 'S e Comhairle nan Leabhraichean a chur air chois an iomairt, le taic-airgid £50k tro Chomhairle nan Ealain (an Writers Factory)[1]. Ann an uine ghoirid, dh'fhoillsich an iomairt leabhraichean Gàidhlig ùra bho dhiofar sgrìobhadairean agus thug e taic do ath-nuadhachadh an nobhail ann an Gàidhlig san 21mh Linn.[2][3]


Bhuannaig a' chiad leabhar a nochd anns an sreath, Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, duais an Saltire Society airson 'First Book of the Year', ann an 2003.[4] A-measg nan leabhraichean eile a chaidh fhoillseachadh, tha an nobhail mhòr, An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul. Chaidh seo air an liosta ghoirid airson prìomh dhuais-litreachais an Saltire Society an 2004.[5]

Ann an 2008, chaidh suil a thoirt air Ùr-Sgeul tro phrògram-telebhisein fon sreath Ealtainn air BBC 2.

Dh'fhoillsich Ùr-Sgeul a' chiad leabhar ficsean Gearmailtis-Gàidhlig (Der Schadel von Damien Hirst), deasaichte le Mìcheal Klevenhaus, aig cur air bhog ann am Bonn, sa Ghearmailt, aig FilmAlba ann an 2009.

Bhuannaig Fionnlagh MacLeòid a' chiad duais litreachais Dhòmhnaill Meek, aig tachartas aig Fèis Leabhraichean Eadar Nàiseanta Dhùn Èideann ann an 2010, airson leabhar Ùr-Sgeul Gormshuil an Righ, a' chiad nobhail aige do dh'inbhich.

Ann an 2011, chaidh Saorsa - cruinneachadh ùr de sgeulachdan goirid le 13 sgrìobhadairean - fhoillseachadh.

Dòighean eadar-dhealaichte

Tha Ùr-Sgeul a' feuchainn ri doighean ùra eadar-dhealaichte a chleachdadh gus litreachas Gàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh. Ann an 2008, dh'fhoillsich Ùr-sgeul clàr le ceòl ròc agus rosg a' tighinn còmhla, nuair a rinn iad CD le òran bhon chomhlan-ciùil Na Gathan, fon ainm Ruigidh Sinn Mars.[6] Bha tri sgeulachdan bho triùir sgrìobhadairean eadar-dhealaichte: Iain MacIlleathain, Màiri Anna NicDhòmhnaill agus Seonaidh Adams, air an CD seo. Bha na sgeulachdan air an CD air an toirt bho leabhraichean a chaidh fhoillseachadh le Ùr-Sgeul ann an 2008, le deasachadh sònraichte dhen leabhraichean ann an 2009 (aon leabhar le còmhdach-cruaidh), fon ainm An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile. 'S iad na sgriobhadairean eile a tha a' nochdadh sa leabhar: Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair), Màiri E. NicLeòid, Pàdraig MacAoidh, Mìcheal Klevenhaus, Mona Claudia Striewe, Alison Lang, Dòmhnall Iain MacÌomhair, Cairistìona Stone, Steafan MacRisnidh, Màrtainn Mac an t-Saoir, Iain Cuimeanach, Màiri NicAmhlaidh Dùn Èideann, Ishi NicIlleathain, Maoilios Caimbeul, Des Scholes, Charles Tripp, Màiri Flòraidh Nic a' Phiocair agus Catrìona Lexy Chaimbeul.

Leudachadh

Ann an 2008, chaidh Ùr-Sgeul gu Bòrd na Gàidhlig le iarrtas airson neach-deasachaidh, gus deiligeadh ris an leasachadh a bha air tighinn ann an rosg. [7] Cha deach le Ùr-Sgeul agus ann an 2012, chan eil neach-deasachaidh làn-ùine fhàthast ann.

Leabhraichean

  • Saorsa - sgeulachdan goirid, deasaichte le Joan NicDhòmhnaill agus John Storey, 2011
  • Air a Thoir le Màrtainn Mac an t-Saoir, nobhail, 2011
  • Cuid a' Chorra-Ghrithich le Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair), 2011
  • Suthainn Sior le Norma NicLeoid, nobhail, 2011
  • An Druim Bho Thuath le Tormod Caimbeul, nobhail, 2011
  • Impireachd le Iain F. MacLeoid, nobhail, 2010
  • Teas le Maoilios Caimbeul, nobhail, 2010
  • Gormshuil an Righ le Fionnlagh MacLeòid, nobhail, 2010
  • A' Ghlainne agus Sgeulachdan Eile le Mairi E. NicLeoid, sgeulachdan goirid, 2010
  • Der Schädel von Damien Hirst, deasaichte le Michael Klevenhaus agus Joan NicDhomhnaill, sgeulachdan goirid, 2009
  • Cainnt na Caileige Caillte le Alison Lang, sgeulachdan goirid, 2009
  • Tilleadh Dhachaigh le Aonghas Padraig Caimbeul, nobhail, 2009
  • Samhraidhean Diomhair le Catriona Lexy Chaimbeul, nobhail, 2009
  • An Claigeann aig Damien Hirst Vol 3 (pàipear) - Sgeulachdan 15-21, 2008
  • An Claigeann aig Damien Hirst Vol 2 (pàipear) - Sgeulachdan 8-14, 2008
  • An Claigeann aig Damien Hirst Vol 1 (pàipear) - Sgeulachdan 1-7, 2008
  • Taingeil Toilichte le Norma NicLeòid, nobhail, 2008 ISBN 9781900901369
  • Am Bounty le Iain F. MacLeoid, nobhail, 2008
  • An Latha as Fhaide le Martainn Mac an t-Saoir, nobhail, 2008
  • Diomhanas le Fionnlagh MacLeòid, sgeulachdan goirid, 2008 ISBN 9781900901420
  • Cleas Sgathain le Mairi Anna NicDhomhnaill, nobhail, 2008
  • Slaightearan le Tormod MacGill-Eain, nobhail, 2008 ISBN 9781900901307
  • An Taigh-Samhraidh le Aonghas Padraig Caimbeul, nobhail, 2007 ISBN 1-900901-10-2
  • Malairt Sgeil le Donnchadh MacGillIosa agus Martainn Mac an t-Saoir, sgeulachdan goirid, 2007
  • Shrapnel le Tormod Caimbeul – Tormod a’ Bhocsair, nobhail, 2006
  • Ùpraid le Éilís Ní Dhuibhne (eadar-theangachadh bho Gaeilge), nobhail bheag, 2006
  • Dìleas Donn le Norma NicLeòid, nobhail, 2006
  • Gymnippers Diciadain le Màrtainn Mac an t-Saoir, nobhail, 2005
  • Na Klondkyers le Iain F. MacLeòid, nobhail, 2005
  • Am Miseanaraidh le Iain Mac a’ Ghobhainn, nobhail bheag, 2005
  • Dacha Mo Ghaoil le Tormod MacGill-Eain, nobhail, 2005
  • Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là le Aonghas Pàdraig Caimbeul, nobhail, 2004
  • Tocasaid ‘Ain Tuirc le Donnchadh MacGilliosa, sgeulachdan goirid, 2004
  • An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul, nobhail, 2003
  • Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, sgeulachadan goirid, 2003

Leabhraichean-èisteachd

  • Shrapnel le Tormod Caimbeul – 4 CD set, 2007
  • Gymnippers Diciadain le Màrtainn Mac an t-Saoir – DVD, 2007
  • Na Klondkyers le Iain F. MacLeòid – DVD, 2007
  • Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là le Aonghas Pàdraig Caimbeul – DVD, 2007
  • Am Miseanaraidh le Iain Mac a’ Ghobhainn – 2 CD set, 2005
  • Dacha Mo Ghaoil le Tormod MacGill-Eain – 3 CD set, 2005
  • Tocasaid ‘Ain Tuirc le Donnchadh MacGIlliosa. – 3 CD set, 2005
  • Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir – 6 CD set, 2004

Foillsichean eile

  • Claigeann Damien Hirst le Na Gathan - CD, 2009
  • Ruigidh Sinn Mars le Na Gathan - CD, 2008

Iomraidhean

  1. Storey, John (Am Màrt 2007): “Ùr-Sgeul: Ag Ùrachadh Litreachas is Cultar na Gàidhlig . . . Dè an Ath Cheum?”. Seminars on Research on Language Policy and Language Planning. Oilthigh Dhùn Èideann - Celtic and Scottish Studies. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2012.
  2. Wringe, Mark (2006) “Normalising the Gaelic Novel - an interim review of the success of the Ùr-Sgeul initiative” Forum for the Languages of Scotland and Ulster
  3. MacNeil, Kevin (An t-Samhain, 2011) Review: An Introduction to Gaelic Fiction. The Bottle Imp 10
  4. Saltire Society website, 2003 - http://www.saltiresociety.org.uk/literary.htm
  5. "An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn" The List (1/1/2005)
  6. Gaelic punk by way of Seattle; Skye band Na Gathan set for boundary-breaking gig. The Highland News (13-12-08)
  7. Storey, John (An Giblean 2009): “Ùr-Sgeul: ceistean agus cothrom”. Conference on Scottish Gaelic Literature in the Twentieth Century and Beyond 25 April 2009. Oilthigh Dhùn Èideann - Celtic and Scottish Studies. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2012.

Ceanglaichean a-mach