Status quo ante bellum
'S i abairt Laidinneach a tha ann an "status quo ante bellum" a tha a' ciallachadh "mar a bha rudan ron a' chogadh".
Aig an tòiseach, chleachdadh an abairt seo airson an t-suidheachadh aig deireadh chogaidhean neo bhlàr as dèidh dhan nàmhaid fhalbh agus nuair a chuireadh an riaghaltas (a chaich a phutadh a-mach à cumhachd roimhe) na àite a-rithist. Nuair a chleachdar i mar seo, bidh i a' ciallachadh nach do dh'atharraich crìochan, còir eaconomaigeach, neo còir poileataigeach air sgàth na strì.
Air a chaochladh, tha an abairt Laidinneach "uti possidetis" a' ciallachadh gum bi gach taobh an sàs anns an strì a' cumail cumhachd neo smachd air gach nì mar a bhios iad aig deireadh a' chogaidh.
Bhon abairt seo, tha "status quo" agus "status quo ante" air a thighinn. Anns Na Stàitean Aonaichte, bithear a' bruidhinn air an àm ron a' Chogadh Chatharra Ameireaganach nuair a chleachdar "antebellum". Anns an Roinn-Eòrpa agus àiteachan eile, tha seo a' ciallachadh an ama ron a' Chogadh Mhòr.