Slòcan
Slòcan | |
Porphyra Umbilicalis | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Eukaryota |
Fìleam | Rhodophyta |
Clas | Bangiophyceae |
Òrdugh | Bangiales |
Teaghlach | Bangiaceae |
Gèineas | Porphyra |
Spèiseas | Porphyra umbilicalis |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Porphyra umbilicalis (L.) Kütz., 1829 | |
Briathran Gàidhlig eile | |
Slabhagan, slabhcan, slabhacan |
'S e seòrsa feamainn dhearg a th' ann an slòcan (Laideann: Porphyra umbilicalis, ainmean Gàidhlig eile: slabhagan/slabhacan/slabhgan/slabhcan no lòcan, Cuimris: lawr/lawfr, Beurla: laver) a tha tana, mìn. Tha e a' fàs air creagan a tha car còmhnard.[1][2]
Thathas ga phunndadh 's ga bhruich le ìm no geir eile gus stuth slamanach a dhèanamh. Bhite ga ghabhail le uinneanan no leigisean. Bhiodh iasgairean Ghallaibh ga ghabhail le aran-coirce. [3]
Ann an Leòdhas, bhite ga thoirt a-steach an taigh, agus ga thaomadh mu spògan a' chlobha, no ni eile a b' urrainn dhaibh a chumail a-steach dhan teine, no ris an teine, airson nàdar bloigh bruich no slaopadh a dhèanamh air. Bhathas ga ithe mar sin.[4]
A bharrachd air mar bhiadh, bha na Gàidheil ga cleachdadh mar leigheas do theanntachd-cuim cruidh, agus mar fhuar-lite airson sgochadh.[2]
Thathas a' reic slòcan anns a chruth shlamanach seo anns a' Chuimrigh. Bidh daoine ga chòmhdachadh le mìn-choirce, 's ga fhrithigeadh, ach am faigh iad seòrsa bonnach còmhnard, aran-slòcan. Bithear gu tric ga ghabhail le hama. [5]
Tha slòcan càirdeach ri nori (Porphyra Tenera), seòrsa feamainn a thathas a' gabhail ann an Iapan, Coirea agus An t-Sìn.