Skattungbyn
Coltas
Skattungbyn | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An t-Suain |
Ceàrn | Orsa |
Sgìre | Dalarnas län |
Co-chomharran | 61° 12 00' Tuath 14° 52 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 295 (2012) |
Àireamh fòn | 0250 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Chlachain |
'S e clachan beag (Suainis: Tätort) am broinn Orsa, faisg air Mora, ann am meadhan na Suaine a th' ann an Skattungbyn. Tha e suidhichte eadar Loch Skaflungen agus Loch Orsa, aig 225m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn (Suanais: Län) Dalarna,[2] 420km air falbh bho Ghöteborg, 213km bho Uppsala agus 272km bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Chaidh Skattungbyn a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1539 mar skattunghe bij. Chan eil ach 295 duine a' fuireach ann.[4]
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis, sjö (loch) agus skaten (stobadh a-mach), a tha an t-ainm.[5] Bheireadh sin Loch Stobaidh dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.[6]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Gunnar Myrdal: (1898 – 1987) Eaconamaiche a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1974.[7]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Nationalencyklopedin
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Statistika Centralbyrån
- ↑ Runeberg
- ↑ Mats Wahlberg, (2003). Svenskt ortnamnslexikon, Uppsala: Institutet för språk och folkminnen, ISBN 91-7229-020-X
- ↑ Alternatives Economiques