Satu Mare
Satu Mare Szatmárnémeti Sathmar סאטמאר
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Satu Mare | ||||
Co-chomharran | 47° 47 24' Tuath 22° 53 24' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 150.3 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 102,441 (2011) | ||||
Dlùths | 681.58/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 61 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Nyíregyháza agus Baia Mare, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Satu Mare (IPA: ˈsatu ˈmare, Ungairis: Szatmárnémeti, IPA: sɒtmaːrneːmɛti, Gearmailtis: Sathmar, Iùdais: סאטמאר). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Someș, aig 127m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Satu Mare. Tha 102,441 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann à ainm tighearna-cogaidh air an robh Zotmar ann an Ungairis s' a tha ainm a' bhaile.[2] Cha do nochd an t-ainm ann an Romàinis Satu Mare (Gàidhlig: Clachan Mòr) ach anns an 19mh Linn: chanadh Sătmar ann an Romàinis gu ruige sin. Chaidh am baile a chlàradh ann an 972 mar Villa Zotmar agus an uair sin mar Castrum Zotmar ann an 1230 san leabhar Gesta Hungarorum. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd làidir Iùdhaich air a stèidheachadh an seo anns an 18mh Linn. Thug feachdan an deachdaire Ion Antonescu agus na Gearmailt Nàsaich fìor dhroch sgrios agus milleadh orra tron Uile-losgadh: Chruthaich iad Ghetto Iùdhach sa bhaile agus rinneadh murt air 14,440 dhuibh ann an Auschwitz ann an 1944.[3]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Tuvia Friling; Radu Ioanid; Mihail E. Ionescu, (2004). International Commission on the Holocaust in Romania, Final Report, International Commission on the Holocaust in Romania; president of the commission: Elie Wiesel. ISBN 973-681-989-2.