An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Josef Mengele"
Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B' e dotair agus àrd-oifigear Nàsach na Schutzstaffel (SS) às A' Ghearmailt a bh' ann an '''Josef Mengele''' (IPA: ''ˈjoːzɛf ˈmɛŋələ'', Günzburg, 16 am Màrt 1911 - Bertioga, 7 an Gearran 1979).<ref>Levy, Alan (2006), Nazi Hunter: The Wiesenthal File, Lunnainn, Constable & Robinson.</ref> B' e Mengele fhèin a rinn deuchainnean saidheansail air prìosanaich a..." a chruthachadh |
(Gun diofar eatarra)
|
Mùthadh on 23:36, 30 dhen Iuchar 2021
B' e dotair agus àrd-oifigear Nàsach na Schutzstaffel (SS) às A' Ghearmailt a bh' ann an Josef Mengele (IPA: ˈjoːzɛf ˈmɛŋələ, Günzburg, 16 am Màrt 1911 - Bertioga, 7 an Gearran 1979).[1] B' e Mengele fhèin a rinn deuchainnean saidheansail air prìosanaich ann an KZ Auschwitz aig àm an Uile-losgaidh. Chanadh Todesengel ris (Ghàidhlig: Aingeal a' Bhàis), mar fhar-ainm. Theich e gu Aimearaga a Deas an dèidh a' Cogaidh. Chuir e seachad bliadhnaichean a' fuireach mu timcheall air Buenos Aires agus an uair sin ghluais e gu Paraguaidh ann an 1959 agus, mu deireadh thall, gu Braisil ann an 1960. Chaochail e ann an tubaiste snàimh ann an 1979.
Iomraidhean