An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pretoria"
b robot Adding: ga:Pretoria |
b robot Removing: zu:IPitoli |
||
Loidhne 124: | Loidhne 124: | ||
[[zh:比勒陀利亞]] |
[[zh:比勒陀利亞]] |
||
[[zh-min-nan:Pretoria]] |
[[zh-min-nan:Pretoria]] |
||
[[zu:IPitoli]] |
Mùthadh on 03:13, 17 dhen Ògmhios 2010
Pretoria
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Afraga a Deas | ||||
Ceàrn | Gauteng Province | ||||
Co-chomharran | 25° 43’ Deas 28° 17’ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,644 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,884,046 (2005) | ||||
Dlùths | 1,146.01/km² | ||||
Àireamh fòn | +2712 | ||||
Duilleag oifigeil | www.tshwane.gov |
'S e prìomh-bhaile riochdail Afraga a Deas a tha ann am Pretoria. Ach tha dà phrìomh-bhaile eile ann: Cape Town (reachdail) agus Bloemfontein (breithneachail).
Tha Pretoria suidhichte mu 50 cilemeatair san taobh tuath Johannesburg anns an earra-thuath Afraga a Deas. Tha ruith-bheanntan Magaliesberg timcheall air a’ bhaile.
Chaidh Pretoria a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1855 le Marthinus Pretorius. Thaghadh esan an t-ainm airson urram a thoirt don athair aige: Andries Pretorius a bha na ghaisgeach nàiseanta. Bhon 1ad an Cèitean 1860 bha Pretoria na phrìomh-bhaile Poblachd Afraga a Deas neo (ZAR). Nuair a dh’atharraich Poblachd Afraga a Deas gu Afraga a Deas ann an 1961, bha Pretoria na phrìomh-bhaile riochdachail.
Bha mì-chliù air a' bhaile mar: “Capital of Apartheid” (Prìomh-bhaile an sgaradh-cinnidh). Ach dh’atharraich sin aig an àm nuair a bha Nelson Mandela na chiadh cheann-suidhe dhubh. Bha esan a’ fuireach anns na Union Buildings ann am Pretoria. Tha an riaghaltas Afraga a Deas ag obair an seo. Tha an togalach na laighe air Meintjies Kop.
Foghlam
'S e aon de na bailtean as cudthromaiche ri taobh foghlam a tha ann am Pretoria. Tha mòran oilthighean ann:
- University of Pretoria, an t-oilthigh as motha na dùthcha,
- Tshwane University of Technology, oilthigh teicneòlas
- University of South Africa, ainm goirid: UNISA, an t-oilthigh as motha a tha a’ dèanamh foghlam aig astar.