Bloemfontein
| Bloemfontein | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | Motheo |
| Sgìre | Manguang |
| Co-chomharran | 29° 07 00' Deas 06° 13 00' Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 46.6 km² |
| Àireamh-shluaigh | 391,511 (2007) |
| Dlùths | 8,401.52/km² |
| Àireamh fòn | + 27 51 |
| Duilleag oifigeil | http://www.bloemfontein.org.za/ |
'S e prìomh-bhaile breithneachail Afraga a Deas a tha ann an Bloemfontein. Ach tha dà phrìomh-bhaile eile ann: Cape Town (reachdail) agus Pretoria (riochdail).
Thàinig an t-ainm Bloemfontein bhon cànan Afrikaans agus Duitseis: "Bloem ontsprong". Tha sin a' ciallachadh fuaran nan flùraichean. Tha far-ainm eile air: Baile nan Ròsan.
Tha Bloemfontein suidhichte ann am meadhan na dùthcha anns an Highveld. Tha an fharsaingeachd rèidh le beanntan beaga (koppies san Afrikaans) an-siud agus an-seo. 'S e seo an co-chomharran aige: 29° 6’ Deas agus 26° 13’ Ear. Tha mu 369,568 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.
Chaidh Bloemfontein a stèidheachadh le Henry Douglas Warden à Breatainn anns a' bhliadhna 1846.
Rugadh an sgrìobhadair J. R. R. Tolkien an seo air an 3mh latha den Fhaoilteach, 1892, ach dh’fhàg an teaghlach aige Afraga a Deas ann an 1896, nuair a chaochail athair Tolkien.
