Ruaraidh Iain MacLeòid (Am Morair Minginis)
Ruaraidh Iain MacLeòid (Am Morair Minginis) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Port nan Long, 7 dhen Dùbhlachd 1952 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Foghlam |
Àrd-sgoil Phort Rìgh (1965 - 1971) Oilthigh Dhùn Èideann (1971 - 1975) Baidealair ann an Lagh |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | siorram agus neach-lagha |
Fastaichean | BBC Scotland (1977 - 1978) |
Ballrachd | Tribiunal an Fhearainn airson Alba |
Tha Ruaraidh Iain MacLeòid (1952-) (Beurla: Roddy John MacLeod) ʼna Chathraiche air Cùirt an Fhearainn agus ʼna chathraiche air aʼ Bhòrd-stiùiridh aig Sabhal Mòr Ostaig.
Rugadh is thogadh Ruairidh Iain ann am Port nan Long ann an sgìre Mhinginis dhen Eilean Sgitheanach. B’ ann às na Hearadh a bha a phàrantan bho thùs, ach ghluais iad chun an Eilein Sgitheanaich anns na ficheadan mar phàirt de Sgeama Rèiteachaidh an Fhearainn a bha a’ gabhail àite aig an àm.
An déidh dha an sgoil fhàgail, thug Ruairidh Iain ceum a-mach ann an lagh aig Oilthigh Dhùn Éideann. Às déidh obair ann an lagh agus dà bhliadhna ann an craoladh na Gàidhlig aig aʼ BBC, chaidh a stéidheachadh ann an 2000 mar Shiorram, agus thug e air an dreuchd mar Iar-Chathraiche air Cùirt an Fhearainn ann an 2006. Air 17mh an Dàmhair 2014, chaidh a stéidheachadh mar Chathraiche ùr Chùirt an Fhearainn leis an tiotal ùr, Morair Minginis. Ged a dhʼfheumas a réir lagh neach-labhairt na Gàidhlig a bhith aig aʼ Chùirt, ʼs e Ruaraidh Iain a’ chiad Chathraiche le Gàidhlig bhon thòisich aʼ Chùirt ann an 1912.
A bharrachd air a bhith an sàs anns an lagh, tha Ruaraidh Iain air a bhith an sàs gu mòr ann an Sabhal Mòr Ostaig. Ann an 2006 gabh e àite air Bòrd an t-Sabhail agus bliadhna as déidh sin ghabh e thairis bhon Ollamh Fearchar Mac an Tòisich mar Chathraiche a’ Bhùird.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- SMO: Ruaraidh Iain MacLeòid
- SMO Fiosan-naidheachd: Sgitheanach air a stèidheachadh mar Chathraiche ùr air Cùirt an Fhearainn
- BBC Naidheachdan: Cathraiche Sgitheanach air Cùirt an Fhearainn
- Tobar an Dualchais: Ruairidh Iain MacLeòid
- BBC:Radio nan Gàidheal: Ruaraidh Iain MacLeòid aʼ bruidhinn air prògram MhicʼilleMhìcheil, 2014-11-04