Ruaraidh Arascain is Mhàirr
Ruaraidh Arascain is Mhàirr | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Brighton, 15 dhen Fhaoilleach 1869 |
Dùthaich |
![]() ![]() |
Bàs | 5 dhen Fhaoilleach 1960 |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-iomairt poileataigeach, sgrìobhadair, neach-poileataigs agus neach-naidheachd |
B' e neach-poileataigs agus fear-deasachaidh Albannach a bh' ann an Ruaraidh Arascain is Mhàirr (15 Am Faoilleach 1869, Brighton, Sasainn - 5 Am Faoilleach 1960).
Rugadh Ruaraidh Arascain is Mhàirr ann am Brighton mar "Stuart Richard Erskine". Bha athair, William Macnaghten Erskine, anns an arm. Nuair a bha e na bhalach, bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann. B' i Beurla a' chiad chànan a bha aige, ach dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig bho nanny às na Hearadh.[1]
Bha ùidh mhòr aige ann an Èireann, gu h-àraid a thaobh poileataigs agus ath-bheòthachadh Gàidhlig na h-Èireann agus cultair dùthchasach na h-Èireann. Bha e eòlach air Pádraig Mac Piarais.
Bha Ruaraidh Arascain is Mhàirr gu mòr airson neo-eisimeileachd na h-Alba agus bha e a' feuchainn ri Gàidhlig na h-Alba a bhrosnachadh - air an adhbhar sin, chuir e air dòigh còig irisean thar nam bliadhnaichean: Am Bàrd, Alba, Guth na Bliadhna, An Sgeulaiche, agus An Ròsarnach.
Irisean a dheasaich Ruaraidh Arascain[deasaich | deasaich an tùs]
- Am Bàrd
- Alba
- Guth na Bliadhna
- An Ròsarnach
- An Sgeulaiche
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Thomson, Derick (23mh dhen t-Sultain 2004): “Erskine, Stuart Richard [known as Ruaraidh Erskine of Mar]” (Beurla). Oxford Dictionary of National Biography. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2018.