Jump to content

Raphael

O Uicipeid
Raphael
Beatha
Ainm slàn Raffaello Sanzio
Breith Urbino, 6 dhen Ghiblean 1483
Dùthaich Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
Cinneadh Eadailtich
Bàs An Ròimh, 6 dhen Ghiblean 1520
Àite-adhlacaidh Pantheon (en) Translate
Tomb of Raphael (en) Translate
Nàdar a’ bhàis  (fàilligeadh a' chridhe)
Teaghlach
Athair Giovanni Santi
Cèile no value
Càraid Margarita Luti (en) Translate
Foghlam
Cànain Eadailtis
Luchd-teagaisg Giovanni Santi (en) Translate
Timoteo Viti (en) Translate
Pietro Perugino (en) Translate
Oileanaich Giulio Romano (en) Translate
Raffaellino dal Colle (en) Translate
Gianfrancesco Penni (en) Translate
Gaudenzio Ferrari (en) Translate
Timoteo Viti (en) Translate
Perino del Vaga (en) Translate
Tommaso Vincidor (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd peantair, snaidheadair, ailtire, neach-tarraing, architectural draftsperson (en) Translate, dealbhaiche, fresco painter (en) Translate, court painter (en) Translate agus neach-ealain lèirsinneach
Àitichean-obrach Firenze, Perugia (en) Translate, An Ròimh, Siena agus Urbino
Obraichean comharraichte La fornarina (en) Translate
The School of Athens (en) Translate
Raphael Rooms (en) Translate
Resurrection of Christ (en) Translate
Madonna and Child with the Book (en) Translate
The Marriage of the Virgin (en) Translate
Madonna del Granduca (en) Translate
Madonna of the Goldfinch (en) Translate
Madonna del Prato (en) Translate
The Deposition (en) Translate
Sistine Madonna (en) Translate
Transfiguration (en) Translate
Portrait of Baldassare Castiglione (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Gluasad Italian Renaissance (en) Translate
An t-Ath-bheòthachadh Àrd
Gnè ealain peantadh eachdraidheil
portrait painting (en) Translate
portrait (en) Translate
allegory (en) Translate
religious art (en) Translate
mythological painting (en) Translate
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Òrd Franciscans (en) Translate

'S e peantair linn an ath-bheòthachaidh às an Eadailt a bha ann an Raphael (Raffaelo Santi).

Rugadh agus thogadh e ann an Urbino far an robh athair dha na pheantair aig a' chùirt. Ann an 1500 chaidh e na pheantair air urra fhèin agus dh'obraich e air feadh meadhan na h-Eadailte, gu h-àraid ann am Florence. Ann an 1508 chaidh e dhan Ròimh far an do d'fhuair e fastadh leis a' Phàpa Julius II is e ag ath-sgeadachadh àras a' phàpa. Leasaich e an stoidhle aige an sin agus chaochail e ann an 1520.[1]

Sgoil na h-Àithne[deasaich | deasaich an tùs]

Sgoil na h-Àithne

'S e tè de na h-obraichean as ainmeile le Raphael a tha ann an Sgoil na h-Àithne anns a' Bhatacan. Anns an dealbh seo tha sealladh ann an stoidhle an ath-bheòthachaidh anns a bheil feallsanaiche aosmhor, gu h-àraid Plato a' tomhadh ris an iarmailt, Aristotle a tomhadh air adhart, Diogenes na sìneadh air an staidhre, Euclid a' teagaisg geomatraidh agus Heraclitus a' sgrìobhadh.[2]

Raphael agus Alba[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cuid de na h-obraichean le Raphael ann an Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba.[3]

Tha ìomhaigh na Madonna ann an Taigh Haddo ann an Siorrachd Obar Dheathain a fhuair George Hamilton-Gordon, 4mh Iarla Obar Dheathain anns na 1850an. Nuair a cheannaich e am peantadh chreid e gur e obair Raphael a bh' ann, ach chuir i às leth Innocenzo da Imola. A rèir eòlaiche ann an 2016 bha coltas gun do pheant Raphael i.[4] An dèidh sin rinn eòlaichean aig a' Ghailearaidh Nàiseanta ann an Lunnainn deuchainnean oirre agus ghabh iad ris nach robh i le Raphael, no Innocenzo, ach le peantair eile aig an Sgoil Bhologna.[5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Raphael (1483 - 1520)”. Gailearaidh Nàiseanta. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2024.
  2. School of Athens”. Musei Vaticani. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2024.
  3. Raphael (Raffaello Santi)”. Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2024.
  4. Painting at Haddo House 'probably work of Raphael'”, BBC News. 3s dhen Dàmhair 2016. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2024. 
  5. Hannan, Martin: “Haddo House Madonna is ‘probably not’ by Italian master Raphael”, The National. 15mh dhen Lùnasdal 2019. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2024. 

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: