Pont Grog y Borth

O Uicipeid

Co-chomharran: 53°13′13″N 4°09′47″E / 53.220139°N --4.163125°E / 53.220139; --4.163125

Pont Grog y Borth

'S e drochaid-chrochaidh eadar an t-eilean Ynys Môn agus tìr-mòr na Cuimrigh a tha ann am Pont Grog y Borth (Beurla: Menai Suspension Bridge). Chaidh an drochaid a dhealbhadh le Thomas Telford agus bha togail na drochaide deiseil ann an 1826.

Togail[deasaich | deasaich an tùs]

Location
Location
Pont Grog y Borth
Suidheachadh Pont Grog y Borth anns a' Chuimrigh

Mus robh an drochaid deiseil ann an 1826, cha robh ceangal stèidhichte ann eadar an t-eilean is thìr-mòr. Bhathar a' cleachdadh aiseagan tharsaing air an uisge a bha a' sruthadh gu cunnartach ann am Menai Strait. B' e reic crodh an gnìomhachas a bu chudromaiche a bha anns an eilean. Airson an giùlan do na margaidhean air tìr-mòr, fiu 's gu Lunnainn, chaidh an gluasadh don uisge gus snàmh thairis air a' chaolas. Bha sin gu math cunnartach do na beathaichean, bha daonnan feadhainn dhiubh air caill. [1] Bhathar a' faighneachd den innleadair Thomas Telford, suirbhidh a dhèanamh gus rathad a thogail eadar Lunnainn is Caergybi, an t-àite as faisge do dh'Èirinn agus aon de na prìomh puirt-mara airson aiseagan gu Baile Átha Cliath. Bha Telford a' moladh drochaid a thogail thairis air Menai Strait bho àite faisg air Bangor air tìr-mhòr chun a' bhaile Porthaethwy (a tha aithnichte an-diugh mar Menai Bridge) air Ynys Môn.[1]

Air sgath 's na bruachan arda agus sruthadh luath an uisge anns a' chaolas bhiodh e gu math doirbh cidhe a thogail no stacan a chur gu sàbhailte anns a' ghainmhich ghluasadaich air bonn na mara. Fiu 's ma dh'fhaodadh sin a dhèanamh bhiodh iad nan cnapan-starra do na bàtaichean. B' fheadar an drochaid a bhith àrd gu leòr airson na bàtaichean-siùil. Mar sin mhol Telford drochaid crochaidh a thogail agus dh'aontaich am Pàrlamaid ris na beachdan aige.[1]

Thòisich togail na drochaide a rèir nam planaichean Telford ann an 1819 le dà thùr air gach taobh den chaolas. Chaidh a thogail le clach-aoil à Penmon agus bha iad fosgailte nam broinn le ballachan-croise annta. An uair sin chuireadh sia slabhraidhean deug rithe, gach tè diubh air a dèanamh le 935 crann-druididh iarann a bha làidir gu leòr gus cuideam ruigheachd de 176 meatair (577 troigh) a chumail.[2] Gus meirgeachadh a sheachnadh eadar cruthachadh is cleachdadh chaidh an iarann a chur ann an ola-fhrois-lìn agus a phainnteadh an uair sin.[3] Bha gach slabhraidh mu 522.3 meatair (1,714 troigh) a dh'fhad is cho trom ri 121 tunna. Bha neart-chrochaidh aca air a mheasach air 2,016 tunna.[1] Chaidh an drochaid fhosglachd 30 am Faoilleach 1826.[1]

Eachdraidh an dèidh sin[deasaich | deasaich an tùs]

An drochaid air am peantadh san 2005

Cha robh an rathad ach 24 troigh a leud agus gun cheanglaichean gus an rìghneachadh. Dh'fhàs e soilleir ann an ùine goirid nach robh an drochaid sàbhailte gu leòr nan robh gaoith làidir ann. Chaidh barr an rathaid a neartachadh ann an 1840 le W. A. Provis agus ann an 1893, chaidh barr fiodhach na drochaid ath-nuadhachadh le barr stàilinn dealbhaichte le Sir Benjamin Baker.[4] Thairis air na bliadhnaichean dh'fhàs e soilleir gun robh crìoch cuideam de 4.5 tunna na trioblaid mòr don gnìomhachas-giùlain a bha a sìor-fhàs. Ann an 1938 chuireadh slabhraidh stàilinn rithe an àite an seann fheadhainn à iarann [5]gun a bhith a' dùnadh na drochaide.

Ann an 1999 chaidh an drochaid a dhùnadh fad mìos gus barr an rathaid ath-nuadhachadh a-rithist agus na structaran a neartachadh, mar sin b' fheudar an trafaig a dhol thairis air an Britannia Bridge faisg air làimh.

San 28mh an Gearran 2005 chuireadh an drochaid air liosta nan tagraichean mar Làrach Dhualchas na Cruinne UNESCO. Aig an dearbh latha chaidh aon taobh den rathad a dhùnadh fad sia miosan airson am peant ath-nuadhachadh. Ged a rinneadh beagan ath-nuadhachaidh gach bliadhna, b' e sin a' chiad ath-nuadhachadh riantanach fad 65 bliadhna. Aig an àm seo bha cothrom ann dol thairis air gu tìr-mhòr sa mhadainn agus air ais do Ynys Môn feasgar. Chaidh an dà thaobh den drochaid fhosgladh a-rithist san 11ad an Dùbhlachd 2005 nuair a bha an obair deiseil.

Cuairteachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Fon drochaid tha an t-slighe Anglesey Coastal Path a' dol seachad. Tha clach-chuimhneachain air an drochaid san taobh Ynys Môn airson cuimhne a toirt do na h-ìobairtich mòr-thubaist Aberfan san 21ad an Dàmhair 1966, far an robh ionad-copaidh na mèinne ann a' sleamhnachadh sìos. Chaidh 116 clann is 28 inbhich a mharbhadh.

An drochaid anns a' chultair[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbh na drochaide air truinnsear anns na 1840an.
Pont Grog y Borth san fheasgar

'S e Menai Bridge am baile as faisge air an drochaid. Nochdaidh dealbh na drochaide ann am meadhan tùir is feansaichean air cùl bonn £1 ann an 2005. Chaidh am bonn a dhealbhachadh Edwins Ellis.

Ann am bardachd[deasaich | deasaich an tùs]

White Knight to Alice:
"I heard him then, for I had just
completed my design,
To keep the Menai bridge from rust
By boiling it in wine."
—"Haddocks' Eyes", Through the Looking-Glass, Lewis Carroll

Englyn, rann ainmeil Cuimreach[deasaich | deasaich an tùs]

Uchelgaer uwch y weilgi - gyr y byd
Ei gerbydau drosti,
Chwithau, holl longau y lli,
Ewch o dan ei chadwyni.
—Dewi Wyn o Eifion[6] (David Owen) (1784–1841)
High fortress above the sea – the world drives
Its carriages across it;
And you, all you ships of the sea,
Pass beneath its chains.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Bartlett, W. H., Harding, J.D.; Creswick, T. (2009): The Ports Harbours Watering Places, Reprint deas., BiblioLife. ISBN 1-115-95868-2. 
  2. Drewry, Charles Stewart (1832): A Memoir of Suspension Bridges: Comprising The History Of Their Origin And Progress. London: Longman, Rees, Orme, Brown, Green & Longman, td. 46–66, agus Leabhar. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2014. 
  3. Kovach, Warren (2010): “Menai Strait Bridges”. Anglesey history. Air a thogail 27. 7. 2010.
  4. Menai Suspension Bridge”. Asce.org. Air a thogail 19mh dhen Chèitean 2014.
  5. The Saturday Magazine (Deasaichte le J. W. Parker): td 212. 1835.
  6. Llwybr y Llewod 8-13. BBC Lleol

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: