Pierre Kemp

O Uicipeid
Pierre Kemp
Beatha
Breith Maastricht, 1 dhen Dùbhlachd 1886
Dùthaich  Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Ciad chànan Duitsis
Bàs Maastricht, 21 dhen Iuchar 1967
Foghlam
Cànain Duitsis
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair, pottery painter (en) Translate agus peantair
Àitichean-obrach Maastricht
Duaisean a fhuaras
Far-ainmean W. Maasburg agus Robert Ree

B' e bàrd, peantair agus sgrìobhadair às Na Tìrean Ìsle a bha ann am Pierre Kemp (Maastricht 1 an Dùbhlachd 1886–Maastricht, 21 an t-Iuchar 1967).[1] Thathar dhen bheachd gu robh a chuid obrach gu math duibhir, muladach. Sgrìobh Kemp a’ chiad phìos bhàrdachd airson a’ phàipear-naidheachd De Limburger Koerier ann an 1910. Chuir e bliadhna seachad na phreantas fhear-aithris aig De Tijd ann an Amsterdam mus do dh’fhalbh e dhachaigh. Phòs e ri Hubertina Catharine Mommers ann an 1918 agus fhuair iad triùir duine-chloinne. Chuir e seachad tòrr bhliadhna, bho 1916 gu ruige 1945,[2] ag obair ann am mèinn ann an Eygelshoven is e a’ sgrìobhadh cuideachd, fiù 's air an trèana air an slighe dhachaigh. Bhuannaich e an Duais Constantijn Huygens agus 2,500ƒ ann an 1956[3] agus an Duais P.C. Hooft ann an 1958.[4] 'S e sgrìobhadair a bh' ann a bhràthair beag, Mathias Kemp, cuideachd. A bharrachd air sgrìobhadh, ’s e sàr pheantair a bh’ ann agus chaidh taisbeanaidhean a chuid obrach a chumail ann am Maastricht ann an 1975 agus 2010 san taigh-tasgaidh Bonnefanten ann am Maastricht.[5]

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

  • 1914 - Het wondere lied
  • 1916 - De bruid der onbekende zee en andere gedichten
  • 1925 - Limburgs Sagenboek
  • 1928 - Carmina Matrimonalia
  • 1934 - Stabielen en passanten
  • 1938 - Fugitieven en constanten
  • 1940 - Transitieven en immobielen
  • 1946 - Pacific
  • 1946 - Standard-book of classic blacks
  • 1947 - Phototropen en noctophilen
  • 1949 - Forensen voor Cythère en andere gedichten
  • 1956 - Engelse verfdoos
  • 1958 - Vijf families en één poederblauw
  • 1959 - Emeritaat
  • 1959 - Garden, 36, 22, 36 inches
  • 1960 - Les Folies Maestrichtoises
  • 1961 - De incomplete luisteraar
  • 1961 - Au Pays du Tendre mosan
  • 1965 - Perzische suite voor Dr. E.F. Tijdens
  • 1976 - Verzameld werk

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Pierre Kemp(Duitsis). digitale bibliotheek voor de Nederlandse letteren. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
  2. Pierre Kemp, kunstenaar en pendelaar”. De Mijnen. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
  3. Laureaten(Duitsis). Jan Campert-Stichting. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
  4. P.C. Hooft-prijs”. Stichting P.C. Hooft-prijs. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
  5. About Pierre Kemp(Beurla). Bonnefantenmuseum. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.