Maastricht
Maastricht
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Limburg | ||||
Co-chomharran | 50° 51 05' Tuath 05° 41′ 27 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 60.06 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 121,164 (2011) | ||||
Dlùths | 2,017.38/km² | ||||
Àireamh fòn | +31 (0)43 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.maastricht.nl |
‘S e baile mòr air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann am Maastricht (IPA: maːˈstrɪxt]). ‘S ann às an Laideann Mosiae Trajectum (Gàidhlig: Àite-coise nam Maas) a th' ann an t-ainm. Tha e suidhichte aig 64m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Maas, anns an roinn Limburg, faisg air na crìochan leis A’ Ghearmailt, An Fhraing agus A' Bheilg. Tha am baile 167km air falbh bho Dhen Haag (Prìomh-bhaile na dùthcha), 175km bho Amsterdam, 142km bho Utrecht. 89km bho Tilburg agus 270km bho Ghroningen.[1] Tha 122020 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin.[2] Chaidh Oilthigh Mhaastricht a stèidheachadh an seo ann an 1976.[3] Tha am baile ainmeil air feadh na Roinn Eòrpa oir chaidh ainmean a chur gu Cùmhnant Mhaastricht an seo ann an 1992.[4]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Hendrik de Fromantiou (1633–mu 1693) Dealbhadair.
- Jean-Pierre Minckelers (1748–1824) Fear-saidheans.
- Peter Debye (1884–1966) Ceimigear.
- Pierre Kemp (1886–1967) Bàrd.
- Hubert Hermans (1937) Eòlaiche-inntinn.
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Distance Calculator
- ↑ “Bevolking - Gemeente Dashboard - Maastricht” (Duitsis). Baile Mhaastricht. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “History - About UM”. Oilthigh Mhaastricht. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “Five things you need to know about the Maastricht Treaty”. Banca Coitcheann na h-Eòrpa. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.