Jump to content

Philippe Pétain

O Uicipeid
Philippe Pétain
vice president (en) Translate

1920 - 1931
Ferdinand Foch (mul) Translate - Maxime Weygand (mul) Translate
13. Seat 18 of the Académie française (en) Translate

20 dhen Ògmhios 1929 - 15 dhen Lùnastal 1945
Ferdinand Foch (mul) Translate - André François-Poncet
Ministear a' Chogaidh

9 dhen Ghearran 1934 - 8 dhen t-Samhain 1934
Joseph Paul-Boncour (en) Translate - Louis Maurin (mul) Translate
Ministear na Stàite

1 dhen Ògmhios 1935 - 4 dhen Ògmhios 1935
tosgaire na Frainge dhan Spàinn

2 dhen Mhàrt 1939 - 16 dhen Chèitean 1940
Erik Labonne (en) Translate - Robert Renom de La Baume (en) Translate
Leas Phrìomh-mhinistear na Frainge

18 dhen Chèitean 1940 - 16 dhen Ògmhios 1940
Camille Chautemps (en) Translate - Camille Chautemps (en) Translate
Ceann-suidhe na Comhairle

16 dhen Ògmhios 1940 - 17 dhen Ghiblean 1942
Paul Reynaud (en) Translate - Pierre Laval (en) Translate
Ceann na Stàite

11 dhen Iuchar 1940 - 20 dhen Lùnastal 1944
French co-prince of Andorra (en) Translate

11 dhen Iuchar 1940 - 20 dhen Lùnastal 1944
Beatha
Ainm slàn Henri Philippe Bénoni Omer Joseph Pétain
Breith Cauchy-à-la-Tour, 24 dhen Ghiblean 1856
Dùthaich  An Fhraing
Vichy France
Bàs Port-Joinville, 23 dhen Iuchar 1951
Àite-adhlacaidh tomb of Philippe Pétain (en) Translate
Teaghlach
Athair Omer-Venant Pétain
Màthair Clotilde Legrand
Cèile Annie Pétain (mul) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam École Spéciale Militaire de Saint-Cyr (en) Translate
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat, oifigear agus luchd an airm
Àitichean-obrach Vichy
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Académie des Sciences Morales et Politiques (en) Translate
Académie Française (en) Translate
Seirbheis san arm
Meur an airm French Armed Forces (en) Translate
Ìre seanalair roinneil
seanalair bragàid
còirneal
lieutenant-colonel (en) Translate
Battalion Chief (en) Translate
caiptean
leifteanant
second lieutenant (en) Translate
Marasgal na Frainge
Strì An Cogadh Mòr
Battle of Verdun (en) Translate
Cogadh an Rif
An Dàrna Cogadh
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Pàrtaidh poileataigeach no value
IMDb nm0053747

B' e Henri Philippe Benoni Omer Joseph Pétain, (Cauchy-à-la-Tour, 24 an Giblean 185623 an t-Iuchar Port-Joinville 1951) seanailear agus riochdaire dioplòmasach Frangach a bha os cionn riaghaltas na dùthcha fo bhuaidh nan Nàsach aig àm an Dàrna Cogaidh, bho 11 an t-Iuchar 1940 gu ruige 20 an Lùnastal 1944, nuair a thill Charles de Gaulle dhan Fhraing.

Bhuineadh Pétain do theaghlach dhe croitearan caitligeach. Chaidh e dhan sgoil saighdearachd Saint-Cyr ann an 1886 agus dhan Àrd Colaiste a’ Chogaidh (Fraingis: École Supérieure de Guerre) ann an Paris an ath bhliadhna, is bha e an siud gu ruige 1906. Bha e follaiseach gu robh airson eòlas-cogaidh dìonadach agus sabaid na trainnsichean daingnichte. Chaidh e a chur suas gu còrnaileir ann an 1912.

An Cogadh Mòr

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e faisg air a bhith a' leigeil dheth a dhreuchd mus do thòisich an cogadh ann an 1914 is chaidh a chur suas a-rithist, an turas seo gu bhith na sheanailear. Ghabh e pàirt anns an iomairt soirbheachail ann an Champagne ann an t-Sultain 1915, is e os cionn Dàrna Arm na Frainge. An ath bhliadhna, bha Charles de Gaulle òg a-measg a chuid oifigearan aig Verdun, is Pétain a' stiùireadh iomairt dìon a’ bhaile.

Bha an iomairt fhada sin an aghaidh nan Gearmailteach cho soirbheachail math proifeiseanta gun do dh' fhàs e cliùiteach air feadh na dùthcha is na daoine cho measail air. Air sàilleabh sin, 's e esan a chaidh ainmeachadh ceannard na Feachdan Armachd uile gu lèir (an àite Robert-Georges Nivelle, a dh'fhàillig anns an iomairt ann an Chemin des Dames) an ceann corra mhìos, nuair a bha mì-mhisnich a’ fàs na bu miosa eadar na saighdearan is iad a' seasamh an aghaidh an Airm. Chuir e an droch stàit anns an robh na saighdearan am feabhas, ged an do chuir e sìos na reubaltaich anns an dòigh uabhasach garbh cruaidh. Dh’ath-eagaraich e an t-Arm is bhuannaich e earbsa nan saighdear.

Bha e fhathast san dreuchd sin aig deireadh a’ chogaidh, ged an robh e fo òrdughan an t-seanaileir Foch bhon an Giblean 1918. Chaidh Foch ainmeachadh ceannard na feachdan ann an iar uile gu lèir, is chuir iad ruaig air na Gearmailtich a bha a’ cur ionnsaigh mu dheireadh orrasan. Le sin, b’ fheudar dha na Gearmailtich fosadh iarraidh. Aig deireadh na bliadhna 1918, fhuair Pétain bata sònraichte pròiseil dhe marasgal na Frainge, an rud as cliùitiche do shaighdear sam bith anns an Arm.

Cha robh e an sàs ann an iomairt neo iomairt idir gu ruige 1925, is e ann am Maroco an turas seo a’ sabaid an aghaidh Abd el-Krim anns an Rif. Chuir Pétain ruaig air ann an 1926. An dèidh sin bha e na fhear sgrùdadh coitcheann an Airm, na mhinistear a’ chogaidh anns an riaghaltas aig Gaston Doumergue agus ann an 1939, tosgair na Frainge anns An Spàinn aig Francisco Franco.

Prìosan agus bàs

[deasaich | deasaich an tùs]

Cho-dhùineadh gun robh e ciontach de thraoidhtearachd an dèidh don cogadh ann an Sigmaringen anns a' Ghearmailt. Lùghdaicheadh a bhinn-bhàis do bhinn-bheatha agus dh'fhuirich e ann an caisteal ann an Ile de Yeu mus do chaochail e ann an Port-Joinville ann an 1951.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cavendish, Richard (An t-Iuchar 2001): “Death of Marshal Pétain(Beurla). History Today. Air a thogail 16mh dhen Dùbhlachd 2016.