Outlander (nobhail)

O Uicipeid
Outlander, eadar-theangachadh gu Gearmailtis

Is e Outlander (ris an canar Cross Stitch san Rìoghachd Aonaichte) a' chiad fhear de ochd nobhailean eachdraidheil ioma-ghnèitheach le Diana Gabaldon. Air fhoillseachadh an 1991, tha e a' toirt dealbh air nurs, Claire Randall, san 20mh linn a shiùbhlas air ais ann an tìm don 18mh linn an Alba far an tachair dànachd is gaol rithe ann an riochd a laochain, Seumas Friseal.[1] Tha an sreath Outlander a' gabhail a-steach caochladh seòrsa sgrìobhaidh, nam measg sin, ficsean eachdraidheil, ròisgeul, dàn-sgeul agus ficsean-saidheans/fantasaidh.[1] Choisinn Outlander Duais RITA Ròisgeulaichean na h-Ameireagaidh airson an Ròisgeul as Fheàrr an 1991.[2] Chaidh tionndadh telebhisein dhen t-sreath a chraoladh airson a' chiad uair air Starz sna Stàitean Aonaichte air 9mh Lùnastal, 2014. Thèid a chraoladh san RA 'son a' chiad uair an 2016. 

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Reese, Jennifer (27mh dhen t-Samhain 2007): “Book Review: Lord John and the Hand of Devils (2007)”. EW.com. Entertainment Weekly. Air a thogail 30mh dhen Dàmhair 2013.
  2. RITA Awards: Past Winners”. Romance Writers of America. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2013.