Oi Polloi
Thòisich Oi Polloi ann an Dùn Eideann ann an 1981 agus bha Ruairidh na sheinneadair bho thùs, ach tro na bliadhnaichean, dh’atharraich na ceòladairean eile cho tric ‘s gu bheil faisg air ceud duine ann a-nis a bha anns a’ chòmhlan aig aon àm. Sheinn iad sa Bheurla aig an toiseach, ach dh’ionnsaich Ruairidh Gàidhlig gu fileanta agus seinnidh iad sa Bheurla agus sa Ghàidhlig a-nis.
Chlàraich iad na dusanan de chlàraidhean, theipichean agus CDan gus nach urrainn do Ruairidh cuimhneachadh cia mheud dhuibh a bh’ ann agus bidh iad air turas tron Roinn Eòrpa uair no trì gach bhliadhna. Tha iad cho ainmeil ann an saoghal a' phunc, agus tha e iongantach nach eil iad nas ainmeil anns an fharsaingeachd, ach tha iad gu math làidir mun fheallsanachd DIY agus cumaidh seo fon talamh iad gu ìre mhòr. Cha gabh iad idir ris na companaidhean-ciùil mòra.
Ann an 2013, rinn iad co-obrachadh ainmeil còmhla ri CLÀR, am foillsichear Gàidhlig neo-eisimeileach, gus an leabhar ficsean-saidheans Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong (bho Mill a h-Uile Rud), a chur air bhog aig tachartas mì-laghail air a’ chabhsair tron latha taobh a-muigh Elvis Shakespeare air Ceum Lìte an Dùn Èideann, agus air a bhàta The Cruz air a’ chidhe ann an Lìte air an oidhche.[1] Aig an dà thachartas seo, b' e orain ann an Gàidhlig air fad a bh'aig Oi Polloi: cha robh aon òran Beurla aca.
Discography
[deasaich | deasaich an tùs]7″ EPan
[deasaich | deasaich an tùs]- Resist The Atomic Menace 1986 (agus 1994)
- Outrage 1988
- Omnicide 1991 (Words of Warning Records)
- Guilty (Ruptured Ambitions records) 1993
- Oi Polloi / Blownapart Bastards (Split) 1994
- Oi Polloi - s/t (Nikt Nic Nie Wie)
- Bare Faced Hypocrisy Sells Records The Anti-Chumawamba EP w/Riot/Clone, The Bus Station Loonies, Anxiety Society, The Chineapple Punks, Love Chips and Peas, and Wat Tyler 1998 (Ruptured Ambitions Records)
- THC (Campary Rec.) 1998
- Let The Boots Do The Talking (Ruptured Ambitions) 1999
- Carson? (Nikt Nic Nie Wie) 2003
- Ceòl Gàidhlig mar Sgian nad Amhaich (compilation with Mill a h-uile rud, Atomgevitter and Nad Aislingean) (Problem Records) 2005
12″ LPan
[deasaich | deasaich an tùs]- Skins 'N' Punks Volume Two (Split w Betrayed) 1986
- Unlimited Genocide (Split w A.O.A.) 1986
- Mad As... (Split w Toxic Ephex) 1987
- Unite And Win (Oi! Records) 1987
- In Defence Of Our Earth (Words Of Warning Records) 1990
- You've Heard It All Before Track on The Crass Covers Compilation album (Ruptured Ambitions Records) 1993
- Fight Back! (Re-Release Of Old Split Material)
- Total Anarchoi (Live/Studio Collection - CD/LP) 1996
- Fuaim Catha (Skuld Records) 1999
- Outraged By The System (Step-1 Music) 2002
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Armstrong, Tim (April 2013). "Bogadh Punc ann an Dùn Èideann". DRILSEACH. Retrieved 29 April 2013.