Jump to content

Na h-Òganaich

O Uicipeid
Na h-Òganaich
musical group
Cur air cois1971 Deasaich
Country of originRìoghachd Aonaichte Deasaich
Described at URLhttps://worldmusiccentral.org/2017/10/07/artist-profiles-na-h-oganaich/ Deasaich
Na h-Òganaich aig Celtic Connections ann an 2007

'S ann tràth ann an 1971 a chaidh an còmhlan traidiseanta Gàidhlig Na h-Òganaich a chur air bhonn ann an Glaschu, as dèidh don t-seinneadair Mairead NicLeòid tachairt ris a' chluicheadair giotàr Noel Eadie airson a' chiad uair aig cuirm-ciùil ann an Dùn Omhainn. Thuirt Mairead san dol seachad gun robh a bràthair Donnie ag ionnsachadh giotàr agus roghnaich iad cur a-staigh airson farpais nan Còmhlan Traidiseanta aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Bha caraid dhaibh à Eilean Leòdhais, Dòmhnall MacIllEathain, ag obair aig a' BhBC agus 's e thug dhaibh an toiseach clàraidhean den bhàrd Murchadh MacPhàrlain à Mealabost, air nach robhar tuilleadh 's eòlach aig an àm. Dh'aithnich iad cho ùr agus togarrach 's a bha na h-òrain aig Murchadh agus thagh iad na dhà dhiubh airson an toirt gu Mòd Struighlea anns an Dàmhair 1971, far an do bhuinnig iad farpais nan Còmhlan Traidiseanta agus a ghlac iad aire an t-sluaigh leis cho proifeiseanta 's a bha an stoidhle aca agus cho inntinneach 's a bha an cuid òran.

An ath bhliadhna choisinn iad cliù eadar-nàiseanta nuair a bhuannaich iad farpais an Òrain Ùir aig an Fhèis Thar-Cheilteach ann an Cill Àirne ann an Èirinn, le òran eile le Murchadh, 'Mi le m' uillinn air mo ghlùin'. Mar thoradh air an seo thòisich iad a' cluich air feadh nan dùthchannan Ceilteach agus ann an Canada agus Sasainn.

Rinn an còmhlan trì clàran don chompanaidh Beltona Sword, meur de Decca Records - The Great Gaelic Sound of Na h-Oganaich (1972), Gael Force Three (1973) agus Scot-Free (1975).

Ann an 1976 chaidh iarraidh air Na h-Òganaich pàirt a ghabhail ann an cuairt mhòr sna Stàitean Aonaichte. Bha Noel ag obair na òraidiche aig an àm agus cha robh e comasach dha a dhol ann ach chaidh Mairead agus Donnie a-null agus nuair a thill iad chaidh iad air chuairt ann am Breatuinn nan dìsead le luchd-ciùil taice.

Tha an còmhlan slàn air tighinn ri chèile corra uair on uair sin airson tachartasan sònraichte leithid Fèis nan Còisir ann an Steòrnabhagh agus Fèis Celtic Connections ann an Glaschu (2007). Tha Mairead fhathast na Neach-ciùil proifeiseanta, a' seinn leis a' bhocsair Billy Anderson, agus choisinn Donnie cliù dha fhèin anns na 1980an mar phreasantair a' phrògram chloinne Dòtaman air BBC Alba. Tha Noel a' fuireach ann an Leòdhas agus ag obair ann am foghlam.

B' e measgachadh den ghuth air leth aig Mairead, an cràic aig Donnie air an stèidse, na sgilean aig Noel a thaobh a bhith a' cur ceòl ri chèile agus na h-òrain Ghàidhlig aig Murchadh MacPhàrlain nach maireann a dh'adhbharaich cliù Na h-Òganaich. A' coimhead air ais thathar a-nis gam meas mar stiùir do chòmhlain shoirbheachail Ghàidhlig eile leithid Runrig agus Capercaillie.