Bàrd Mhealaboist
| Bàrd Mhealaboist | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Mealabost, 15 dhen Ghearran 1901 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | 7 dhen t-Samhain 1982 |
| Foghlam | |
| Cànain | Gàidhlig |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | sgrìobhadair, saighdear agus bàrd |
Bàrd Mhealaboist (15 an Gearran 1901 - 7 an t-Samhain 1982). B' e Murchadh MacPhàrlain an t-ainm ceart aige agus ’s e bàrd foillsichte bh' ann. Bhiodh e cuideachd a' strì airson na Gàidhlig.
Rugadh agus thogadh e ann am Mealabost, Eilean Leòdhais. Shiubhal e gu Aimearaga a Tuath anns na ficheadan agus thug deannan bhliadhna ann am Manitoba, àite bu bheag air, agus b' e siud tùs an òrain ainmeil "'S fhada leam an oidhche gheamhraidh". Rinn e seirbheis armaichte anns an Dàrna Cogadh bho 1942 gu 1945, agus an sin phill e a Leòdhas, 's rinn tàmh ann gu deireadh a bheatha. Anns na seachdadan chaidh a' bhàrdachd aige a chleachdadh anns na h-òrain aig na h-Òganaich, agus chuir an Gasaet Steòrnabhaigh a-mach comh-chruinneachadh de 'bhàrdachd "An Toinneamh Dìomhair" an 1973, agus an dhèidh sud bha a' bhàrdachd aige a' faighinn nas motha luchd-èisdeachd agus bhrosnaich e grunn chòmhlain-chiùil mar eisimpleir Runrig agus Capercaillie. Dh'fhoillsicheadh Cànan nan Gàidheal, an t-òran as ainmeile aige, ann an iris Gairm ann an 1975. Chur Comunn Gàidhealach Steòrnabhagh a-mach leabhar agus reacordadh-teipe "Dàin Mhurchaidh" a ghlèidh deannan de 'òrain air an seinn leis fhéin ann an 1986.
Bha e an aghaidh an campa NATO aig port-adhair Steòrnabhagh a dhèanamh nas motha. Is esan cuspair a' phrògram Murchadh MacPhàrlain; Bàrd Mhealaboist a choisinn duais Fèis na TBh is nam film Ceilteach airson aithriseachd ealain a b' fheàrr ann an 2001.
Ceangalan a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Dealbh
- GRD:Bàird Ghàidhlig:Bàrd Mhealaboist
- BBC Alba:Bliadhna nan Òran:Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist)
- BBC Alba:Làrach nam Bàrd:Murchadh MacPhàrlain
- Faclan Cànan nan Gàidheal
- Faclan Cànan nan Gàidheal (atharrachadh eile)
- 'The Lewis Folk' - Prògram réidio aithriseach bho 1976, le Kieran Sheedy bhon stéisean Éireannach RTÉ 1, anns a bheil agallamh agus òran bho Mhurchadh