Mosfellsbær

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Mosfellsbær
Mosfellsbær Coat.svg
Gearradh-arm
no Seula
Mosfellsbaer2011.jpg
Mosfellsbaer map.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Iceland.svg Innis Tìle
Sgìre Höfuðborgarsvæðið
Co-chomharran 64° 11' 9 Tuath
21° 37' 13 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 185 km²
Àireamh-shluaigh 11,463 (2019)
Dlùths 61.96/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile air an àirde an iar-dheas Innis Tìle a th' ann am Mosfellsbær. Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, aig 52m os cionn ìre na mara,[1] san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' Phrìomh-bhaile), aig inbhir nan Aibhnichean Leirvogsá, Kaldakvísl agus Varmá, 58km air falbh bho Selfoss agus 371km bho Akureyri.[2] Tha 11,463 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an siathamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur, Hafnarfjörður, Akureyri agus Garðabær 's a th' ann am Mosfellsbær. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.[4]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir na sàgaichean, b' ann ann am Mosfellsbær a chaidh am bàrd Egill Skallagrímsson a thidholachadh:

Bein Egils voru lögð niður í utanverðum kirkjugarði að Mosfelli[5]

(Chaidh cnàmhan Egil a thiodhlacadh taobh a-muigh cladh ann am Mosfell)

Cha robh ach mu 400 duine a' fuireach ann aig toiseach an 20mh Linn. B' ann an dèidh a' Chogaidh, nuair a dh'fhàg na daoine am fearann airson nam bailtean a thoisich Mosfellsbær ri fhàs. Ged a rugadh e shìos ann an Reykjavík, b' ann ann am Mosfellsbær a chuir Halldór Laxness a' mhòr-chuid dhen bheatha aige, agus far a chaochail e ann an 1998. Tha Gljufrasteinn - an taigh a thog e san sgìre - na thaigh-tasgaidh an latha an-diugh.[6]

Freumh-fhaclachd[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm a' ciallachadh Baile Beinn na Còinnich sa chànan aca, bho Mosa (còinneach), Fell (beinn) agus Bær (baile).

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Falling Rain
  2. Feed Distance Calculator
  3. Hagstofa Íslands
  4. Alþingi
  5. Sagamap
  6. Gljufrasteinn

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: