Miraflores
Dùthaich | Coloimbia |
---|---|
Prìomh-bhaile de | Lengupá Province |
Sgìre riaghaltais ionadail | Lengupá Province, Boyacá |
Domhan-leud is -fhad | 5°11′47″N 73°8′40″W |
Cànan obrach no ainm | Cànanan Innd-Eòrpach |
Làrach-lìn | http://www.miraflores-boyaca.gov.co/index.shtml |
'S e baile beag ann am Boyacá, Coloimbia,[1] a th'ann Miraflores. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha, 84km air falbh bho Thunja, prìomh-bhaile na roinne. Tha àirde meadhanach dhe 1,500m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann le teodhachd mu 20˚ thar cheann, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidhicheadh ann an 1811.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 9,661 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 4,967 a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Miraflores, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 86% dhe na daoine ann an Miraflores leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 25.3% dhe na dachannan.[4]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Miraflores. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Santos Acosta Castillo (1827–1901): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1867 agus 1868.