Mihail Gorbačëv
'S e ceann-suidhe Sobhiatach mu dheireadh (eadar 1985-1991) a bha ann am Mihail Gorbačëv (Ruisis: Михаи́л Серге́евич Горбачёв, Beurla: Mikhail Gorbachev; rugadh 2 am Màrt 1931). Fhuair e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1990 air sàilleibh na h-obrach a rinn e airson crìoch a chur air a' Chogadh Fhuar. Ged a tha e cliùiteach ann an Siar airson perestroika is glasnost, chan eil an aon bheachd aig mòran Ruiseanaich, air sgàth is gun do chaill an Ruis cumhachd eadar-nàiseanta agus an ìmpireachd aice nuair a bha e na cheannard na dùthcha.