Jump to content

Menachem Avidom

O Uicipeid
Menachem Avidom
Beatha
Breith Ivano-Frankivsk, 6 dhen Fhaoilleach 1908
Dùthaich  Iosrael
Bàs Herzliya (en) Translate, 5 dhen Lùnastal 1995
Foghlam
Foghlam American University of Beirut (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd ceòl-sgrìobhaiche
Duaisean a fhuaras

B' e neach-teagaisg agus ceòl-sgrìobhaiche à Iosrael a rugadh sa Phòlainn a bh' ann am Menachem Avidom (Eabhra: מנחם אבידום, ainm-breithe: Mendel Mahler-Kalkstein, Stanisławów, 6 am Faoilleach 1908Herzliya, 5 an Lùnasdal 1995).[1] Dh'inimrich e gu Palastain ann an 1925 agus fhuair e a cuid foghlaim san Oilthigh Aimearaganach am Beirut, eadar 1926 agus 1928. Rinn e dà bhliadhna sa Chonservatoire ann am Paris fo Henri Rabaud cuideachd, bho 1928 gu ruige 1931.[2] Chruthaich e ainm ann an Eabhra dhàsan fhèin, a tha a' ciallachadh Athair D agus M bhon fhacal אבי (athair), leis gu robh dithis nigheannan aige: Daniela agus Miriam. Thill e a dh' Iosrael agus chuir e seachad bliadhnaichean a' teagasg teòiridh ciùil ann an Tel Aviv. A bharrachd air sin, bha e na rùnaire Orcastra Fiolarmonach Iosrael bho 1945 gu ruige 1952 agus na chathraiche Lìog ceòl-sgrìobhaichean Israel bho 1955 gu ruige 1978. Bhuannaich e an Duais Iosrael airson Ciùil ann an 1961, airson an opara Alexandra ha'Hashmonait.[3]

Guth
  • Anns gach ginealach, opara, 1955
  • Alexandra ha'Hashmonait, opara, 1961
  • Soraidh Slà, opara, 1971
  • A' Chiad Pheac, opara, 1980
  • Me'Arat Yodfat, opara
  • 4 oparan eile
  • Kantatat t'hilim, cantata, 1955
  • 12 Cnuic, cantata, 1976
Orcastra
  • Simphnidh 3: Yam tichonit, 1952
  • 9 simphnidhean eile
  • Consairt Duiseil
  • Consairt do fhidheall agus orcastra
Orcastra seòmair
  • Suite air B-A-C-H, Co-cheòltairean, 1964
  • Còignear le Prais, 1969
  • Sonata do fhidheall bheag na h-aonar, 1984

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Darryl Lyman: Great Jews in Music. Jonathan David Publishers, Eabhraig Nuadh, 1986, ISBN 0-8246-0315-X.
  2. Herzl Shmueli: Avidom (Mahler-Kalkstein), Menahem. Ann am: Michael Berenbaum, Fred Skolnik: Encyclopedia Judaica. 2. Auflage. Band 2, Macmillan, Detroit, 2007.
  3. IFJC