Maria Cuțarida-Crătunescu
Maria Cuțarida-Crătunescu | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Călărași, 10 dhen Ghearran 1857 |
Dùthaich | Kingdom of Romania |
Bàs | Bucharest, 16 dhen t-Samhain 1919 |
Foghlam | |
Foghlam | Faculty of Medicine of Montpellier (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | lighiche agus neach-teagaisg |
B' e lighiche, neach-teagaisg agus neach-iomairt feimineach à Romàinia a bh' ann am Maria Cuțarida-Crătunescu (Călărași, 10 an Gearran 1857 - Bucharest, 16 an t-Samhain 1919.[1] Rugadh i ann an siorrachd air a bheil Călărași ann an Țara Românească, dìreach dà bhliadhna on a chaidh Romàinia fhèin chruthadh, ann an teaghlach bùirdeasach. An dèidh an Colegiul Național Școala Centrală (Gàidhlig: Colaiste Nàiseanta na Sgoile Mheadhain) ann am Bucharest fhàgail, chaidh ise agus a teaghlach air fad dhan An Eilbheis, far an deach i gu sgoil eile agus, ann an 1877, thòisich i Eòlas-leighis ionnsachadh aig Oilthigh Zürich leis gun d' fhuair i taic-airgid. Cha b' urrainn do bhoireannaich a leithid rud a dhèanamh ann an Romàinia aig an àm. Bha sin cho neo-àbhaisteach gum bruidhinneadh mun chùis anns na pàipearan-naidheachd ann an Bucharest: O romancǎ, doctor în medicinǎ! (Gàidhlig: Ban-Romàinianach, na lighiche!).[2] Dh' atharraich i gu Oilthigh Mhontpellier thall san Fhraing air sgàth gun tuigeadh i Fraingis mòran na b' fheàrr na Gearmailtis. Rinn i greis-obrach dotair ann an ospadal ann am Paris agus, mu dheireadh thall, speisealaich i ann an lèigh-eòlas bhan, fo stiùir Sigismond Jaccoud, ann an 1884. B' e De l'hydrorrhée et de sa valeur séméiotique dans le cancer du col de l'utérus (Gàidhlig: Mu hydrorrhea agus a luach semeioticeach a thaobh aillse muineal na machlaige) a bh' ann a teusas dotaireil.[3] Thill i a Romàinia ann an 1886 ach b' ann ainneamh gheibheadh i deagh chothroman obrach air sgàth 's gur i boireannach a bh' innte agus an dùthaich aice uabhasach fhèin mì-adhartach aig an àm. Ann an 1897 chruthaich i Leagănul (Gàidhlig: A' Chreathall) agus Societătea Maternă[4] (Gàidhlig: An Comann Màithreil) gus clann bochd a chuideachadh agus an ceann da bhliadhna, ann an 1899 thòisich ise ri obair na lighiche ann an taigh-gnìomhachais tombaca. B' ann ann an co-theacsa 's a bha seo a dh'fhosgail i a' chiad sgoil-altraim ann an Romàinia.[5] Bha i cho cliùiteach ann an saoghal leigheis gun toireadh dhi cuiridhean gu co-labhairtean ann am Paris (1900), A' Bhruiseal (1907) agus Copenhagen (1910). Chuir i seachad bliadhnaichean A' Chogaidh Mhòir na lighiche ann an ospadal an airm. Chaochail i ann am Bucharest ann an 1919.[6]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Marcu, George, Dicționarul personalităților feminine din România, Meronia, Bucharest, 2009, ISBN 978-973-7839-55-8.
- ↑ Avocat
- ↑ Université de Paris
- ↑ Cuvântul Libertâții
- ↑ Damian-Constantine E, The first female medical doctors in Romania and their contribution to the development of medical specialists in B6. The Contribution of Women to the Development of History of Science and Technology, International Congress of the History of Science. 16th. Proceedings. B. Symposia. Suppl. (1981)
- ↑ Federația Sanitas din România