Maol na h-Ordaig
Co-chomharran: 57°07′01″N 7°13′21″W / 57.116895°N 7.222629°W
Maol na h-Ordaig | |
---|---|
Sealladh bho Maol na h-Òrdaig air Meall an Iasgaich. | |
Àirde (m) | 106 |
Àirde (tr) | 348 |
Àirde rinneach (m) | 88 |
Màthair-mhullaich | Ròineabhal |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF840150 |
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Maol na h-Òrdaig.
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e suidhichte ann an ceann an ear-dheas Uibhist a Deas. Tha Hairtebreac agus Loch Mòraibh san iar agus san ear tha e na shìneadh gu Rubha na h-Òrdaig. Tha Maol na h-Òrdaig 106m (348 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 88m a' sgaradh Maol na h-Òrdaig bho na beanntan eile. 'S e Ròineabhal a mhàthair-mhullaich a tha e suidhiche san iar-dheas air Maol na h-Òrdaig. Chan eil air a mullach ach àite feurach le beagan gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Tha Maol na h-Òrdaig na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 12 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)