Malabhaidh
| Dziko la Malaŵi Republic of Malawi | |
|---|---|
Bratach |
Lùireach |
| Laoidh Nàiseanta | |
| Mulungu dalitsa Malaŵi (Chichewa) "Oh God Bless Our Land of Malawi" | |
| Sluagh-ghairm nàiseanta | |
| Aonachd is Saoirse | |
| Cànan(an) oifigeil | Beurla |
| Mion-chànan(an) | Chichewa (nàiseanta) |
| Prìomh-bhaile | Lilongwe |
| Baile as motha | Blantyre |
| Riaghaltas | Deamocrasaidh pàrlamaideach |
| Ceann-suidhe | Peter Mutharika |
| Stèidheachadh | |
| Neo-eisimeileachd
bhon Rìoghachd Aonaichte |
6mh an t-Ògmhios 1964 |
| Poblachd | 6mh an t-Ògmhios 1966 |
| Farsaingeachd | |
| Iomlan | 118,484 km² (98mh) |
| Uisge | 20.6 % |
| Àireamh-shluaigh (2025) | |
| Iomlan | 22,224,282 |
| Dlùths | 187,5/km² (91mh) |
| LTD/CCC (2005) | |
| gach pearsa | $596 (181mh) |
| Roinn tìde | CAT (UTC+2) |
| Ruith-airgid | Kwacha |
| Prìomh àrainn-lìn | .mw |
| Còd Àireamh fòn | 265 |
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Malabhaidh,[1][2], Malawi [3] neo Malaiwi[4][5] (Beurla: Malawi, IPA: |[malaβi]); ainm oifigeil: Poblachd Mhalabhaidh. B' e Nyasaland an seann ainm a bha oirre. Chan eilear cinnteach cò às a thàinig ainm na dùthcha. Tha aon mìneachadh ag ràdh gu bheil e a’ ciallachadh: "deàrrsadh na grèine ag èirigh thairis air an loch". 'S e seo a’ sealltainn ann am bratach na dùthcha cuideachd.
Tha crìochan aice san iar-thuath le Saimbia, sa tuath le Mòsaimbic agus san earra-dheas le Tansainìa. 'S e Lilongwe prìomh-bhaile na dùthcha, ach 's e Blantyre am baile as motha a th' ann.

B’ e David Livingstone a’ chiad duine Eòrpach a ràinig air Malabhaidh anns a’ bhliadhna 1859. An uair sin b' iad na h-Albannaich a thòisich air eaglaisean agus miseanan a thogail, gu h-àraidh timcheall air Loch Mhalawi.

Tha an gleann Great Rift Valley a’ ruith bho thuath gu deas. Anns a' ghleann seo tha Loch Mhalawi (ainm eile: Lake Nyasa).’S e an treasamh loch as motha ann an Afraga agus an deicheamh loch as motha air an t-saoghail. An–diugh tha e dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO.

Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Dùthchannan aig SMO