Jump to content

Mòr Chaimbeul

O Uicipeid
Mòr Chaimbeul
Beatha
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bard (en) Translate

B' e bàrd a bh' ann am Mòr Chaimbeul no Mòr nighean Dhonnchaidh[1] (c1640an - às dèidh 1601).[1]

Bu ise a rinn an t-òran Griogal Cridhe.[2]

B' i Mòr nighean Dhonnchaidh Ruaidh Chaimbeul Ghlinn Lìobhann.[2] B' e Donnchadh Ruadh bràthair athar Chailein Lèith, ceann-cinnidh Chaimbeulaich Ghlinn Urchaidh.

Anns na 1560an, bha strì nimheil eadar na Caimbeulaich agus Clann Ghriogair. Nuair a shocraich cùisean airson greis eadar 1565 agus 1567, phòs Mòr Griogair Ruadh MacGriogair, ceann-cinnidh nan Griogarach.[2] Tha e coltach nach robh a h-athair idir airson gum pòsadh Mòr agus Griogair Ruadh agus thug i iomradh air sin anns an òran 'Rìgh gu Mòr Mo Chuid Mhulaid'.[3]

Cha do mhair an t-sìth fada agus an dèidh mìosan, ghlacadh Griogair le buidheann Chaimbeulach, Cailean Liath nam measg, air 1 Lùnastal, 1569.

Chaidh na phrìosanach a chumail ann an Caisteal Bhealaich, daingneachd Chailein, fad ochd mìosan. mus deach a dhìcheannadh le Cailean Liath e-fhèin air 7 Giblean, 1570.

Air 7 Giblean 1570, Mharbh athair Mhòr a cèile, Griogair.[2]

Bha dithis mhac aig Mòr 's Griogair Ruadh. B' iadsan Iain Dubh a chaochail òg aig Blàr Ghlinn Freòin sa Ghearran, 1603, agus Alasdair Ruadh a chaidh a chrochadh an Dùn Èideann san Fhaoilleach, 1604, mar thoradh air cùl-mhùtaireachd Caimbeulach eile, Gilleasbaig, an seachdamh Iarla Earra-Ghàidheal.

An dèidh 1570, tha e coltach gun do phòs Mòr Raibeart Menzies à Comrie.[2] Thathar a' creidsinn gun robh dithis chloinne eile aca.[1]

Seo na h-òrain a thathas a' creidsinn a rinneach le Mòr

  • Griogal Cridhe
  • Rìgh gu Mòr Mo Chuid Mhulaid

Griogal Cridhe

[deasaich | deasaich an tùs]

Air sgàth structar an dàin, tha e coltach gun d' fhuair Mòr co-dhiù beagan fhoghlaim ann am bàrdachd.[1]

Tha a cuid bhàrdachd ag innse eachdraidh cuimseach mu na tachartasan anns an strì eadar na Caimbeulaich agus na Griogaraich.[1] Anns an òran, tha Mòr i a' tàladh a mic an dèidh bàis Griogair. [1] Tha an dàn a' dèanamh coimeas eadar an dàrna posadh agus cho toilichte 's a bha a' chiad phòsadh.[1]

Mhair an t-òran ann am beul-aithris thar na linntean. Chaidh an t-òran fhoillseachadh an toiseach ann an 1813 le Pàdraig Mac an Tuairneir à Cinn Tìre anns a' Cho-chruinneacha do dh'Òrain Taghta Ghàidhealach. Chaidh diofar thionndaichean den òran a chlàradh bho sheinneadairean air a' Ghàidhealtachd suas dhan fhicheadamh linn.[3] Chaidh tionndadh a chruinneachadh on Eilean Sgitheanach le Francis Tolmie.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 (2018): “Marioun Campbell”, ann an: Elizabeth Ewan, Rose Pipes, Jane Rendall, Siân Reynolds: The New Biographical Dictionary of Scottish Women, 2na deas., Edinburgh: EUP. ISBN 9781474436281. 
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 Bliadhna nan Òran (2015): “Mòr Chaimbeul(Gàidhlig). BBC. Air a thasglannadh [o http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/mor_chaimbeul_gleann_liobhann/] 21mh dhen Fhaoilleach 2018. Air a thogail 20mh dhen Dàmhair 2018.
  3. 3.0 3.1 3.2 Blankenhorn, Virginia (2017): ““Grioghal Cridhe”: aspects of transmission in the Lament for Griogair Ruadh Mac Griogair of Glen Strae’,” (Beurla), ann an: Scottish Studies, leabhar 37, td. 6‒37. doi:10.2218/ss.v37i0.1787. Air a thogail 22mh dhen Dàmhair 2018.

Tuilleadh Leughaidh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Mac an Tuairneir, P. 1813. Comhchruinneacha do dh'Òrain Taghta,Ghàidhealach (Duneidionn: T. Stiubhard)
  • Dawson, Jane E. A. 1997. Campbell letters 1559–1583 (Edinburgh: Scottish History Society)
  • MacGregor, Martin. 2002. 'The Lament for Griogair Ruadh Macgregor of Glen Strae and its Historical Background', ann an The Polar Twins, deasaichte le Edward J. Cowan agus Douglas Gifford (Edinburgh: John Donald)

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]