Lus-an-eallain
| Lus-an-eallain | |
![]() | |
| Rangachadh saidheansail | |
| Rìoghachd | Plantae |
| Fìleam | Magnoliophyta |
| Clas | Magnoliopsida |
| Òrdugh | Geraniales |
| Teaghlach | Geraniaceae |
| Gèineas | Geranium |
| Spèiseas | G. robertianum |
| Briathran Gàidhlig eile | |
|---|---|
| Lus-an-ròis Righeal cùil Righeal rìgh Luibh-na-maclan (Colonsaidh) | |
Geranium robertianum
'S e seo lus a tha gu math cumanta air feadh na h-Alba, agus an t-saoghail gu lèir. 'S iad lus-an-ròis, righeal cùil, agus righeal rìgh ainmean eile a th' air.
Buadhan leigheasach
[deasaich | deasaich an tùs]
Bha suim mhòr aig muinntir na Gàidhealtachd gu h-àraid dha bhuadhan leigheasach an luis seo agus a' chreachlaich-dearga. (Geranium sanguineum)
Bhathar ga mhion-sgrùdadh agus ga ghoil ann an uisge fad uair a thìde, ach am faigheadh leigheas a chum leasachadh aillse, caochladh chneadhan agus galaran chraicinn. Bheireadh dà unnsa dhen luis pinnt mhasgaidh agus bhite a' rèiteachadh an tomhais a-rèir aois an euslaintich.
Bhathar a' creidsinn gur e leigheas làidir a bh' ann airson aillse chraicinn agus fiù 's anns na 1920an, bha duine anns an Dabhach Dhearg no (Dabhach na Creige), Siorrachd Inbhir Nis, a' cumail a-mach gun deach aige fhèin air corra dhaoine a leigheas leis.
Tha fàileadh garg duilleagan bhrùthte an luis na bhacadh do mheanbh-fhrìde tighinn dlùth.
Tùsan Fiosrachaidh
[deasaich | deasaich an tùs]- Flora Celtica [dead link]
