Lucrețiu Pătrășcanu
Lucrețiu Pătrășcanu | |||||
---|---|---|---|---|---|
23 dhen Lùnastal 1944 - 23 dhen Ghearran 1948 ← Ion C. Marinescu (en) - Avram Bunaciu (mul) → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Bacău, 4 dhen t-Samhain 1900 | ||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Bàs | Bucharest, 17 dhen Ghiblean 1954 | ||||
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Dimitrie D. Pătrășcanu | ||||
Sinnsirean |
liosta
| ||||
Foghlam | |||||
Foghlam |
University of Bucharest (en) Oilthigh Leipzig | ||||
Cànain |
Romàinis Ruisis Gearmailtis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | eaconamaiche, dioplomat, eachdraiche, feallsanaiche, sòiseo-eòlaiche, neach-lagha agus neach-poileataigs | ||||
Fastaichean | University of Bucharest (en) | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | Eaglais Ortodogsach Romàinia | ||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Comannach Romàinia |
B' e eachdraiche, feallsanaiche, riochdaire dioplòmasach, ollamh, eaconamaiche, eòlaiche-comainn, neach-lagha agus neach-poileataigs Comannach à Romàinia a bh' ann an Lucrețiu Pătrășcanu (IPA: ˈluˈkret͡sju pətrəʃˈkanu, Bacău, 4 an t-Samhain 1900 - Jilava, 17 an Giblean 1954).[1] Rugadh agus thogadh e ann am Bacău agus bhuineadh e do theaghlach poileataigeach: bha athair na sgrìobhadair agus neach-poileataigs roimhe. Fhuair e a cuid fhoghlaim aig Oilthigh Leipzig agus Oilthigh Bhucarest. Ghabh e ann am Pàrtaidh Comunnach Romàinia ann an 1921 agus riochdaich e am Pàrtaidh sa cheathramh co-labhairt Comintern ann am Mosgo ann an 1922. Chuir e seachad corra bhliadhna thall thairis san Aonadh Sobhiatach, far an tàinig sgàth airsan mu Stalineachd. Chaidh esan a chur an greim sa phrìosan còmhla ri Gheorghe Gheorghiu-Dej aig àm An Dàrna Cogaidh.[2] Chaidh a chur gu bàs ann an 1948 air ordughan Gheorghe Gheorghiu-Dej. Chreideadh Pătrășcanu gum bu chòir do gach uile ar-a-mach agus atharrachadh poileataigeach a bhith fo stiùir mion-chuid proifeiseanta, an treabh dham buineadh esan fhèin.[3] Bha Pătrășcanu air ath-ghnàthachadh an dèidh a bhàis le Nicolae Ceauşescu.
A chuid Obrach
[deasaich | deasaich an tùs]- Probleme de bază ale României (1944)
- Un veac de frământări sociale, 1821-1907 (1945)
- Sub trei dictaturi (1945)[4]
- Curente și tendințe în filosofia românească (1946)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ M. Rădulescu, Tragedia lui Lucrețiu Pătrășcanu: convorbiri cu omul politic Corneliu Coposu, Editura Ramida, Bucharest, 1992.
- ↑ L. Betea, Lucrețiu Pătrășcanu: moartea unui lider comunist : studiu de caz, Editura Humanitas, Bucharest, 2001.
- ↑ V. Tismaneanu: The Tragicomedy of the Romanian Communist Party, East European Politics and Societies, 1989.
- ↑ Tiu, Ilarion: “Marturii de campanie ale unui taranist despre alegeri”, Jurnalul. 14mh dhen Ògmhios 2006. Air a thogail 4mh dhen Fhaoilleach 2023.