Jump to content

Lucía Etxebarria

O Uicipeid
Lucía Etxebarria
Beatha
Ainm slàn Lucía Etxebarria de Asteinza
Breith València, 7 dhen Dùbhlachd 1966
Dùthaich  Na Dùthchannan Catalanach
Àite-fuirich Madrid
Ciad chànan Spàinntis
Foghlam
Foghlam Oilthigh Complutense Madrid
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, sgrìn-sgrìobhaiche, bàrd, beatha-eachdraiche agus nobhailiche
Duaisean a fhuaras
IMDb nm0262238
luciaetxebarria.es

'S e ùghdar às an Spàinn a th’ ann Lucía Etxebarria de Asteinza (València, 7mh An Dùbhlachd 1966).

'S ann à Bermeo (Dùthaich nam Basgach) a th’ ann a cuid phàrantan, is ise an tè nas òige dhe seachdnar daoine-chloinne. Rugadh i ann an València agus fhuair i a cuid fhoghlaim ann an sgoil air an ruith le cailleachan dubha. Chaidh i dhan oilthigh ann am Madrid far an tug i ceum ann am Beurla agus Naidheachdas. A bharrachd air a bhith na tè-fhrithealadh, tha i air a bhith an sàs anns na h-iris-leabhrichean Ruta 66 agus Nuevos Medios, bha i os cionn roinn na meadhanan aig Sony agus bha i an urra ri conaltradh airson Fnac. Leig i an dreuchd sin dheth beagan mus do dh’fhoillsich i a’ chiad leabhar aice.

'S e seòrsa dhe Beath-eachdraidh-ficsean mu dheidhinn Courtney Love agus Kurt Cobain a bh’ ann a’ chiad leabhar a sgrìobh i ann an 1996: Sgeulachd Kurt agus Courtney: cuir le sin (Spàinntis: La historia de Kurt y Courtney: aguanta eso). Chuir Ana María Matute taic dhi airson a’ chiad nobhail aice a sgrìobhadh ann an 1997, Gaol, iongantas, prozac agus teagamhan (Spàinntis: Amor, curiosidad, prozac y dudas). Bha an leabhar sin gu math connspaideach oir bhathar a’ fàgail oirre gu do chleachd i seantansan fa leth bhon an nobhail Prozac Nation, a sgrìobh Elizabeth Wurtzel ann an 1994. Tha i air càineadh fhaighinn gu seach-àraidh bho na pàipear-naidheachdan na làimhe dheis. Bhuannaich i an Duais Nadal an ath-bhliadhna airson an darna nobhail aice, Beatrix agus na Cuirp san iarmailt (Spàinntis: Beatriz y los cuerpos celestes). Bha an dà nobhail seo uabhasach fèin-eachdraidheil agus làn Boireann-dhligheachas, is chleachd i samhlaidhean dìreach mar anns na sgrìobh Dante Alighieri anns an darna fhear dhuibh. ‘S e dùsgadh na Dà-ghnèitheachd a tha aig cnag na cùise anns an leabhar sin, rud a tha dìreach mar an t-ùghdair fhèin. Ann an Chan eil sinne mar an fheadhainn eile (Spàinntis: Nosotras que no somos como las demás) (1999) chruthaich i nobhail le structar a tha coltach ris a’ chiad nì a sgrìobh i agus an leabhar Slaves of New York, le Tama Janowitz. Tha e làn sgeulachdan air an measgachadh ri chèile is na caractaran a’ nochdadh an siud ‘s an seo air feadh na sgeòil. Cuideachd anns a’ bhliadhna sin sgrìobh i sgriopt an fhiolm Mairidh mi beò (Spàinntis: Sobreviviré), ann an co-bhann le David Menkes agus Alfonso Albacete. Rinn i sgriop an fhiom I love you baby còmhla riutha ann an 2001, nuair a rinn an stiùiriche-fhiolm Miguel Santesmases dreach saor dhe Gaol, iongantas, prozac agus teagamhan ged an d’ fhuair e cuideachadh bhuaipe, agus rinn Antonio del Real fiolm dhen sgriobt a sgrìobh i airson Boireannach mo bheatha (Spàinntis: La mujer de mi vida).

Chaidh e gu Alba ann an t-Sultain 2000 is i ag obair anns an Oilthigh Obar Dheathain mar thìdsear sgrìobhaidh sgriobtaichean. A bharrachd air sin ghabh i pàirt ann an caochladh cho-labhairt. Thug an t-oilthigh sin Dotaireachd Honoris Causa ann an litreachas dhise sa bhliadhna sin cuideachd. Nochd cruinneachadh dhe abaltanan mu dheidhinn Boireann-dhligheachas fon ainm Ebha ri teachd. Litir ri teachd (Spàinntis: La Eva futura. La letra futura ann an 2000. Sgrìobh i an t-altan Ann an gàirdeanan a’ mhnatha fhetis (Spàinntis: En brazos de la mujer fetiche) (2002), ann an co-bhann le Sonia Núñez Puente, mar thoradh na h-ùine a chuir i seachd ann an Alba.

Thill i dhan rosg le A h-uile càil faicsinneach agus do-fhaicsinneach (De todo lo visible y lo invisible) (2001), a bhuannaich an Duais Primavera airson nobhailean, agus dh’fhoillsich i an leabhar dhe sgeulachd goirrid Sgeulachd gaol mar stòiridh eile air coireigin (Spàinntis: Una historia de amor como otra cualquiera) ann an 2003. An dèidh sin, ann an 2004, dheasaich i a’ chiad leabhar aige, a-nis leis an ainm ùr Courtney is mise (Spàinntis: Courtney y yo), le tòiseachadh ùr. Bhuannaich Mìorbhail ann an co-chuideam (Spàinntis: Un milagro en equilibrio), nobhail mu dheidhinn a bhith na màthair, an 53 Duais Planeta ann an 2004. Ann an 2005 chruinnich is dh’eadar-theangaich i Am Beatha romhpa: guthan à agus gu ruige Palastain (Spàinntis: La vida por delante: voces desde y hacia Palestina), air a dh’fhoillseachadh leis a’ chlò-bhualadair Editorial Fundamentos, is chaidh a h-ainmeachadh deasaiche a’ chruinneachaidh Astarté airson MR Ediciones.

A bharrachd air sin, tha ise air bàrdachd a dheasachadh cuideachd. Thòisich i le Stèisean na h-Ifrinn (Spàinntis: Estación de infierno) ann an 2001 ach dh’fhàgadh oirre anns an irisleabhar Inverviu gun do rinn i meirle-sgrìobhaidh air na sgrìobh am bàrd Antonio Colinas.[1] Ann an 2004 dh’fhoillsich i Gnìomhan a’ Ghràidh is na Tlachd (Spàinntis: Actos de amor y placer), a bhuannaich an 20mh Duais Barcarola, ged an do thabhainn iad an duais dhi mus do nochd an leabhar co-dhiù.

Ann an 2005 dh’fhoillsich i Chan fhulaing mi ri gaol a-nis (Spàinntis: Ya no sufro por amor), is dh’innse i gu e seòrsa dhe aspirinn a th’ ann dhise, is tha feadhainn a’ cumail a’ dol nach ann ach leabhar fèin-cuideachaidh a th’ann. Leis an leabhar seo dh’fhàgadh air Etxebarria gun do rinn i meirle-sgrìobhaidh a-rithist.

Dh’fhoillsich i nobhail ùr as t-earrach 2007, air a bheil Fuath ron Fhànais (Spàinntis: Cosmofobia),[2] is an leabhar seo a’ sealltainn beatha 20 neach is iad a’ fuireach còmhla anns an sgìre Lavapiés ann am Madrid fhèin.

Ann an 2009 dh’fhoillsich i an abaltan Club na droch mhàthraichean (Spàinntis: El club de las malas madres) ann an co-bhann le Goyo Bustos, is bha an leabhar sin làn beachdan is comhairle mu dheidhinn an dreuchd dhoirbh dhe màthair, athair neo maighstir sgoile an latha an-diugh.

Tha a cuid obrach air a bhith ga dh’eadar-theagachadh gu 20 cànain.

Meirle-sgrìobhaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 2001 dh’fhàg oirre an irisleabhar Interviú gun do rinn i meirle-sgrìobhaidh bho na sgrìobh am bàrd Antonio Colinas anns an leabhar aice Stèisean na h-Ifrinn, a bha i dìreach air dh’fhoillseachadh sa bhliadhna sin fhèin (2001). A bharrachd air sin dh’aidich an t-irisleabhar sin gun do chuir i seantansan gu lèir às an leabhar Aimearaganach Prozac Nation, a sgrìobh Elizabeth Wurtzel, dìreach am broinn a’ chiad rud soirbheachail a sgrìobh i ann an 1997, Gaol, iongantas, prozac agus teagamhan. Dhìon Extchebarría ise fhèin is i a’ mìneachadh gur e dìreach eadar-rosgachadh (Spàinntis: intertextualidad) a bh’ann, is dh’innse i gu robhar a thoirt ionnsaigh oirre anns na meadhanan. Fiù ’s thuirt i gu robh sin "cho truagh mar èigneachadh".[3] Thug Etxebarria an t-irisleabhar gu lagh ann an 2003 is i a’ fàgail orrasan gun do chuir iad tuaileas air a h-onoir, ach bhuannaich Interviú a’ chùis. Dhearbhaich am britheamh ann am Madrid nach robh sin idir ceart is "Thug an t-irisleabhar fìor fhiosrachadh romhainn (...), rinn Etxebarria meirle-sgrìobhaidh do dh’Antonio Colinas". Thug i agartas ri beulaibh Àrd Chùirte na Spàinne.[4]

Ann An t-Sultain 2006, bhuannaich an t-eòlaiche-inntinn Jorge Castelló cùis lagh na h-aghaidh ann an València airson "gnàths eucoireach" is "ionnsaigh an aghaidh còirichean na seilbhe inntleachdail" a chuir esan dhan chùirt dà mhìos ro-làimhe.[5] Dh’innse Castelló, ann an litir dhan chùirt, gun tug Etxebarria paragrafaichean gu lèir bhon airtigil aige Eisimealachd thòcail agus ainneart na dachaigh (Spàinntis: Dependencia emocional y violencia doméstica), bho 2004 dìreach dhan leabhar aice Chan fhulaing mi ri gaol a-nis (Spàinntis: Ya no sufro por amor). Nochd an t-airtigil sin an dà thaobh air an eadar-lìn[6] agus ann an irisleabhar oifigeil.[7] Rèitich an dithis an gnothach far a’ chùirte mu dheireadh thall is dh’aidich Etxebarria gun do chleachd i na sgrìobh Castelló taobh eòlas-inntinn is phàigh i €3,000 dha, mar dhamaistean.[8] Dh’innse Etxebarria gur e dìreachd mearachd taobh dheasachaidh bha as choireach.

Rosg

  • Amor, curiosidad, prozac y dudas Gaol, iongantas, prozac angus teagamhan (1997)
  • Beatrix agus na Cuirp san iarmailt (1998), a bhuannaich an Duais Nadal.
  • Chan eil sinne mar an fheadhainn eile (1999)
  • A h-uile càil faicsinneach agus do-fhaicsinneach (2001), a bhuannaich Duais Primavera na nobhailean.
  • Sgeulachd gaol mar stòiridh eile air coireigin (2003)
  • Mìorbhal ann an co-chuideam (2004), a bhuannaich an Duais Planeta.
  • Fuath ron Fhànais (2007)
  • An rud air nach eil fhios aig na fir - am fèis a-rèir na boireannaich (Spàinntis: Lo que los hombres no saben - El sexo contado por las mujeres, co-ùghdair (2009).
  • S’ e diog breugach a th’ ann an rud fìor (Spàinntis: Lo verdadero es un momento de lo falso) (2010)
  • El contenido del silencio (2011)
  • Dios no tiene tiempo libre (2013)
  • Cuentos clásicos para chicas modernas (2013)

Bàrdachd

  • Stèisean na h-Ifrinn (2001)
  • Gnìomhan a’ Ghràidh is na Tlachd (2004)

Abaltan

  • Sgeulachd Kurt agus Courtney: cuir le sin (1996)
  • Ebha ri teachd. Litir ri teachd (2000)
  • Ann an gàirdeanan a’ mhnatha fhetis (2002), ann an co-bhann le Sonia Núñez Puente.
  • Courtney is mise (2004)
  • Chan fhulaing mi ri gaol a-nis (2005)
  • Club na droch mhàthraichean (2009), ann an co-bhann le Goyo Bustos.

Sgriobtaichean

  • Mairidh mi beò (1999). Le David Menkes agus Alfonso Albacete.
  • Gaol, iongantas, prozac is teagamhan (2001). Le Miguel Santesmases.
  • Boireannach mo bheatha (2001). Le Antonio del Real.
  • I Love You Baby (2001). Le Alfonso Albacete agus David Menkes.

Eile

  • Am Beatha romhpa: guthan à agus gu ruige Pàlastain, (2005), mar dheachdair.
  • Vulgaria Vulgaria, le Francisco Villena (2009), sgrìobh i an roimhe-ràdh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Terra
  2. Books of Gold
  3. El Mundo
  4. El Mundo
  5. El Mundo
  6. Psicocentro
  7. El País[dead link]
  8. El Mundo

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: