Jump to content

Lochan Doiragat

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°07′53″N 5°52′43″W / 57.131300°N 5.878600°W / 57.131300; -5.878600

Suidheachadh
Suidheachadh
Lochan Doiragat
Suidheachadh Lochan Doiragat anns an Eilean Sgitheanach

'S e loch ann an Alba a tha ann an Lochan Doiragat.Tha e suidhichte ann an Gleann Meadal ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach. Tha an rathad chun an Òird a' dol seachad faisg air an loch seo. Tha Cnoc a' Chaise Mòire (171 m) san àird a deas agus an Cruachan (248 m) san àird a tuath dheth. San iar tha Loch Meadal ann.

Tha Loch Doiragat cho mòr ri 1.2 acair. 'S e 0.3 km (0.2 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 123 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 117 m (384 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 2.7 km (1.7 mìle) air falbh bhon mhuir.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG653111