Loch a' Ghlinne
Co-chomharran: 57°04′36″N 5°58′04″W / 57.076700°N 5.967800°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch a' Ghlinne.[1][2] Tha e suidhichte ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach.
Tha an loch seo cho mòr ri 26.6 ha (65.7 acair). 'S e 3.8 km (2.3 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 1.1 km a dh'fhad san àite as dìriche.[2] Tha tòrr eileanan aig ceann an iar na locha. Tha bàrr uisge an locha mu 6 m (20 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 1.8 km (1.1 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch a lìonadh gu h-àraid bhon iar le Abhainn a' Ghlinne Mheadhonaich, ach tha mòran alltain bhon tuath is bhon deas a lìonadh cuideachd. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach à Loch a' Ghlinne chun an iar tro Allt a' Ghlinne chun na mara.
Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch a' Ghlinne agus mar sin chan eil rathaidean ann a leanas chun na locha seo. Tha ceum coiseachd a' leantainn tron ghleann, ri taobh na locha bho Rathad Tharsgabhaig dhan chosta. tha tobhtaichean faisg air an loch a tha a' sealltainn far an robh daoine a' fuireach gu ruige nam Fuadaichean.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG596054
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Seann chroit air bruach an locha
-
Loch a' Ghlinne
Loch Àrd • Loch Aruisg • Loch Barabhaig • Loch nan Clach • Loch Dhùghaill • Lochan Doiragat • Loch na Doireanach • Lochan Dubh • Loch nan Dùbhrachan • Loch Fada • Locha Fada Ghasgain • Lochan Fada • Loch Ghabhsgabhaig • Loch a' Ghlinne • Loch Horabhaig • Loch an Iasgaich • Loch an Ime • Loch Ic Iain • Loch Lamascaig • Loch Meadal • Loch Mhic Charmhiceil • Loch Nighean Fhionnlaidh • Loch an t-Seilich • Loch Sgùrr na Caorach • Loch an Tuim • Loch nan Uamh