Loch nan Dùbhrachan
Co-chomharran: 57°07′34″N 5°50′31″W / 57.126200°N 5.842000°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch nan Dùbhrachan, litreachadh eile: Loch nan Dubhrachan.[1] Tha e suidhichte ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach faisg air an rathad A851 eadar Duisdeil Beag is an Teanga. Tha Creag na Bà tuath air, agus Loch an Ime an ear air.
Tha Loch nan Dùbhrachan cho mòr ri 8.4 acair. 'S e 0.8 km (0.5 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 325 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 67 m (220 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 1.7 km (1 mìle) air falbh bhon mhuir.
Bhathar ag ràdh gun robh “each-uisge”, uile-bhiast anns an loch.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Comann nan Each-uisge, a tha aʼ snàmh anns an loch
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG675104
Loch Àrd • Loch Aruisg • Loch Barabhaig • Loch nan Clach • Loch Dhùghaill • Lochan Doiragat • Loch na Doireanach • Lochan Dubh • Loch nan Dùbhrachan • Loch Fada • Locha Fada Ghasgain • Lochan Fada • Loch Ghabhsgabhaig • Loch a' Ghlinne • Loch Horabhaig • Loch an Iasgaich • Loch an Ime • Loch Ic Iain • Loch Lamascaig • Loch Meadal • Loch Mhic Charmhiceil • Loch Nighean Fhionnlaidh • Loch an t-Seilich • Loch Sgùrr na Caorach • Loch an Tuim • Loch nan Uamh