Loch Laidon
Co-chomharran: 56°39′24″N 4°37′59″W / 56.656667°N 4.633056°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Laidon. Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. San ear-dheas dheth tha Loch Bà ann.
Tha an loch mu 5 1/3 mìle (8,5 km) a dh'fhad, ach tha pàirt ann a bhios a' sìneadh san mu 1,5 mile chun an iar-thuath agus mar sin tha e nas motha na 6 mìle a dh'fhad uile gu lèir. Tha an leud aige gu bhith 3/4 mìle slat (1207 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu 580 slat (531 m) a leud. Tha Loch Laidon cho mòr ri 1149 acair agus tha an àrainn drèanaidh dìreach aige beagan nas motha na 30 mìle ceàrnagach (77 km²). Ach tha e a' gabhail a steach an t-uisge bho Loch Bà, Loch Buidhe, Lochan na Stainge is Lochan na h-Achlaise cuideachd, mar sin tha an àrainn drèanaidh uile gu lèir cho mòr ri gu bhith 47,5 mìle ceàrnagach. 'S e 35 troigh (77 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 128 troigh (117 m) aig an àite as doimhne.[1]
Tha bàrr uisge an locha mu 923.9 troigh (281.6 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh san iar dheas bho Loch Bà le Abhainn Bà agus san iar-thuath le Allt Lochain Ghaineamhaich. Sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Laidon chun an ear tro Gharbh Ghaoir do Loch Eigheach.
Tha cuid eileanan ann an Loch Laidon, nam measg Eilean Iubhair.
Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach no faisg air Loch Laidon. Mar sin chan eil rathaidean ann. Faisg air ceann an ear-thuath an locha tha an Rannoch Rail Station ann. Tha an loch seo math airson iasgach, gu h-àraidh airson bric.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 64, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ Rannoch Moor Trout Fishing Fiosrachadh mu iasgach ann an Loch Bà (Beurla)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).
- Gazetteer for Scotland