Loch Eigheach
Co-chomharran: 56°40′49″N 4°32′00″W / 56.680237°N 4.533200°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Eigheach neo Loch Eaigh.[1] Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha e suidhichte san ear air Stèisean Raineach. Tha am B864 a' dol seachad air taobh tuath Loch Eigheach.
A rèir suirbhidh ann an 1902 bha an loch mu 0.9 mìle (1.448 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na ¼ mile slat (402 m) aig an àite a bu leathainne. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. San fharsaingeachd Bha e mu 250 slat (228 m) a leud. Bha Loch Eigheach cho mòr ri 59.5 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 14 mìle ceàrnagach (36 km²). B' e 6 troigh (1.8 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 28 troigh (8.5 m) aig an àite a bu doimhne. Bha bàrr uisge an locha mu 818.2 troigh (249 meatair) os cionn na mara.[1]
Leis a' phròiseact "Neart nan Gleann" chaidh dama a thogail aig ceann an ear an locha anns na 1930an agus dh'fhàs an loch na bu mhotha an uair sin. Tha Loch Eigheach na phàirt den Tummel Hydro-Electric Power Scheme. agus tha stèisean-cumhachd dealan-uisgeach ann an Gaur. Gheibhear mu 7.5 megawatt, 's e sin 21 million units, a-mach às an stèisean-cumhachd seo. [2]
Thèid an loch a lìonadh bho Loch Laidon tron Abhainn Garbh Ghaoir san iar agus le Allt Eigheach sa tuath. Sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an ear tro abhainn Gaur gu Loch Raineach.
Tha cuid eileanan beaga ann an Loch Eigheach.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 67, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ Neart nan Gleann[dead link]. Faidhle PDF td 19, Scottish Hydro Electric (Beurla)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).
- Gazetteer for Scotland