Lobith
Coltas
| Lobith | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | |
| Sgìre | |
| Co-chomharran | 51° 51 42' Tuath 06° 07 05' Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | 3,195 (2010) |
| Àireamh fòn | (+ 31) 0316[1] |
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil na Sgìreachd |
‘S e baile beag san sgìreachd (Duitsis: gemeente) Rijnwaarden, air iomall Nijmegen, air an àirde an ear nan Tìrean Ìsle a th' ann an Lobith. Tha e suidhichte faisg air an Abhainn Rijn agus na crìochan leis A’ Ghearmailt, ri taobh Loch De Bijland, dìreach aig ìre na mara,[2] anns an roinn (Duitsis: Provincie) Gelderland, 101km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 177km bho Mhiddelburg, 117km bho Mhaastricht, 127km bho Den Haag agus 73km bho Utrecht.[3] Tha 3,250 duine a' fuireach ann.[4] Chaidh feachdan bho thall thairis thar na h-Aibhne Rijn air 12 an t-Iuchar 1672 faisg air Lobith agus thug iad buaidh air Arm Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte, ri linn Cogadh na h-Òlaind agus Bliadhna na Dosgainne.[5]