Kropyvnytskyi
Kropyvnytskyi Кропивни́цький
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Kirovohradska Oblast | ||||
Sgìre | Kropyvnytskyi Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 30 00' Tuath 32° 16 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 103 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 222,695 (2021) | ||||
Dlùths | 2,162.09/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 522 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Kyiv agus Kryvyi Rih anns An Ucràin a th' ann an Kropyvnytskyi (Ucràinis: Кропивни́цький, Iùdais: יעליסאוועטגראד, IPA: t͡ʃerɲiu̯ˈt͡sʲi). Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Inhul, san roinn Kirovohradska Oblast. Tha 222,695 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1754 mar Yelisavetgrad, mar urram air a' Bhanrighinn Ealasaid na Ruise. B' e daingneachadh a bh' ann aig an toiseach tòisichidh. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1944. Ann an 1991, thàinig Kropyvnytskyi gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kropyvnytskyi a' bruidhinn (79.43%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (19.91%) cuideachd.[1]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Grigory Zinoviev (1883 - 1936). Neach-poileataigs agus rèabhlaideach Comunnach.
- Victor Orly (1962). Peantair.