Kamianske
Kamianske Кам'янське
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Dnipropetrovska Oblast | ||||
Sgìre | Kamianskyi Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 31 00' Tuath 34° 37 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 138 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 229,794 (2021) | ||||
Dlùths | 1,665.17/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 5692 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr agus port-aibhne eadar Poltava agus Dnipro anns An Ucràin a th' ann an Kamianske (Ucràinis: Кам'янське, Pòlais: Dniepr, IPA: dn⁽ʲ⁾iˈprɔ). Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro fhèin, san roinn Dnipropetrovska Oblast. Tha 229,794 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1750 agus chanadh Dniprodzerzhynsk ris eadar 1936 agus 2016, mar urram air an neach-poileataigs Comunnach Felix Dzerzhinsky. Ann an 1991, thàinig Kamianske gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Oleksandr Alenytch (1890 - 1923): Fiosaigiche agus reul-eòlaiche.
- Leonid Brezhnev (1906 - 1982): Neach-poileataigs.
- Vera Brezhneva (1982): Seinneadair agus cleasaiche.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kamianske a' bruidhinn (64.85%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (34.47%) cuideachd.[1] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Kamianske tron 19mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[2] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Kamianskeair thuiteam fad na 21mh Linn.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ukcensus
- ↑ Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.