Josef Mengele
Coltas
B' e lighiche, àrd-oifigear agus eucoireach-cogaidh Nàsach na SS às A' Ghearmailt a bh' ann an Josef Mengele (IPA: ˈjoːzɛf ˈmɛŋələ, Günzburg, 16 am Màrt 1911 - Bertioga, 7 an Gearran 1979).[1] B' e Mengele fhèin a rinn deuchainnean saidheansail air prìosanaich ann an KZ Auschwitz aig àm an Uile-losgaidh. Chanadh Todesengel ris (Ghàidhlig: Aingeal a' Bhàis), mar fhar-ainm. B' e Mengele fhèin a thagh Éva Heyman airson a' bhàis. Theich e gu Aimearaga a Deas an dèidh a' Cogaidh. Chuir e seachad bliadhnaichean a' fuireach mu timcheall air Buenos Aires agus an uair sin ghluais e gu Paraguaidh ann an 1959 agus, mu deireadh thall, gu Braisil ann an 1960. Chaochail e ann an tubaiste snàimh ann an 1979.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]