John Buchan
B' e John Buchan, 1ad Bharan Tweedsmuir ùghdar agus fear-poileataigs Albannach, a bha na riaghladair Chanada bho 1935 gu 1940.
Rugadh e ann am Peairt ann an 1875, mac ministear Eaglais na h-Alba agus thogadh e ann an Cathair Challdainn. Chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Oxford agus às dhèidh ceumnachadh fhuair e dreachd mar sheòltaire neo dioplomat ann an Afraga a Deas.
A bharrachd air dioplòmasachd agus poileataigs, 's e ùghdar soirbheachail a bh' ann, gu h-àraid leis an sreath de leabhraichean Richard Hannay, am measg dhiubh The 39 Steps agus Greenmantle.
Chaidh e thaghadh mar BhP airson Oilthighean na h-Alba ann an 1927. Shiubhail e ann an Canada ann an 1940 nuair a bha e na àrd-riaghladair na dùthcha. Chaidh e na àrd-riaghladair ann an 1935 agus, aig an aon àm, Baran Tweedsmuir à Elsfield ann an Siorrachd Oxford.[1]
Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]Mhol Ùisdean MacDhiarmaid na dàin a sgrìobh e anns an Albais, mar eisimpleir Fisher Jamie agus The South Countrie.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Lord Tweedsmuir | The Governor General of Canada”. Àrd-riaghladair Chanada. Air a thogail 17mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “John Buchan”. Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Samhain 2020.