John Beag Ó Flatharta
| John Beag Ó Flatharta | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith |
Leitir Mealláin (mul) |
| Dùthaich |
|
| Foghlam | |
| Cànain | Gaeilge |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | Craoladair agus seinneadair |
| Fastaichean |
RTÉ Raidió na Gaeltachta (en) |
'S e seinneadair agus craoladair Èireannach à Leitir Mealláin a th' ann an John Beag Ó Flatharta . Thòisich e a’ seinn aig deireadh nan 1970n. Bho 1980, tha e air measgachadh de cheòl dùthchail agus òrain anns an t-seann-nòs a fhoillseachadh ris a’ chòmhlan aige, Na hAncairí.
An dèidh dha Anna Hargraves a phòsadh, rinn iad eilthireachd dha na Stàitean Aonaichte, ach chaochail i òg agus d'fhàg i John Beag ris fhèin còmhla ris am mac òg aca, Liam. Thill John Beag agus Liam a dh’Èirinn ann an 2007. Fhuair John Beag obair ri Raidió na Gaeltachta, agus lean e air a’ sgaoileadh clàran ùra.
Òrain
[deasaich | deasaich an tùs]Tha na h-òrain aige a’ dèiligeadh ri diofar chuspairean a tha cudromach do choimhearsnachd Chonamara: fògaradh, coimheachas is gaol, agus am muir. Chluich John Chóil a' Breathnaigh às an Trá Báin am bogsa-ciùil air a’ chiad chlàr aige, ‘Faoi Lán tSeoil’, ach chleachd Iain Beag measgachadh de luchd-ciùil air a’ chuid eile dhe na clàran aige.
'S iad 'Amhrán Chuigéil' (mu dheidhinn rèisean hùicèirean na Gaillimhe) a bh' air a' chlàr 'Faoi Lán tSeoil', 'The Nazarene Song' (a sgrìobh Eddie Ó Conghaile mun droch shìde aig muir), agus 'Amhrán Mháinis' (òran caoinidh traidiseanta) na h-òrain as ainmeile a th' aige .
Aithneachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Anns a’ bhliadhna 2022, chaidh Duais RTÉ Raidió na Gaeltachta a thoirt do John Beag, airson an obair a rinn e ar son cànan agus coimhearsneachd na Gàidhlig agus na Gaeltachta.
Clàran
[deasaich | deasaich an tùs]| Bliadhna | Ainm | Leubail | Fòrmat | Cànan |
|---|---|---|---|---|
| ? (chaidh ath-fhoillseachadh ann an 2018) | Faoi Lán tSeoil | Trad Ireland | CD, Cèiseag | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 1990 | Fiche Amhrán 1980-1990 | Cló Iar-Chonnacht | Cèiseag | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 1990 | Ar Bord Leis na hAncarí | Cló Iar-Chonnacht | Cèiseag | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 1992 | An Lochán | Cló Iar-Chonnacht | Cèiseag | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 1993 | Tá an Workhouse lán | Cló Iar-Chonnacht | CD, Cèiseag, Luchdadh a-nuas digiteach | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 1994 | The Winds of Freedom | Cló Iar-Chonnacht | Luchdadh a-nuas digiteach, CD | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 2010 | Coinnigh léi a Sheáin | John Beag Ó Flatharta | CD | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 2012 | Amigo mo mhéit | John Beag Ó Flatharta | Luchdadh a-nuas digiteach | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 2017 | The Banks of Casheen Bay | John Beag Ó Flatharta | CD | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
| 2020 | Roots n' Raithneach | John Beag Ó Flatharta | CD | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |