Johan de Witt

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Johan de Witt (1625-1675), Grand Pensionary of Holland, by Studio of Adriaen Hanneman.jpg

B' e Johan de Witt neo Jan de Witt (Dordrecht, 24 an t-Sultain 1625 - Den Haag, 20 an Lùnasdal, 1672) Stàitire agus Matamataigear[1] às Na Tìrean Ìsle.[2] Bhuinneadh de Witt do theaghlach Uachdaranach ainmeil cumhachdail. Bha athair, Jacob de Witt, na phròbhaist Dordrecht còig turas agus fhuair de Witt fhèin a chuid fhoghlaim ann an Leiden, far an robh e gu math soirbheachail ann am Matamataig agus Lagh. Chaidh e gu Sasainn, An Eadailt, An Eilbheis agus An Fhraing ann an 1645[3] agus nuair a thill e dhachaigh thoisich e a bhith na fear-lagha ann an Den Haag.

Chaidh e ainmeachadh rianaire (Duitsis: pensionaris) Dordrecht ann an 1650, agus rianaire na h-Òlaind air fad ann an 1653. A bharrachd air sin, phòs de Witt ri Wendela Bicker à Amsterdam air 16 an Gearran 1655 agus fhuair iad ceithrear duine-chloinne còmhla: Agnes, Anna, Maria agus Johan òg. Chuidich am pòsadh seo e ann an saoghal a' phoileataigs leis gu robh teaghlach a' mhnà uabhasach neartmhor cumhachdail sa bhaile aca. le sin, 's e esan a bha os cionn na dùthcha gu ruige 1672, Rampjaar (Gàidhlig: Bliadhna na Dosgainne). Nuair a chaochail Wendela, phòs e ri Cornelia de Ruyter, nighean an àrd-mharaiche Michiel de Ruyter, ann an 1659.

S' e poblachdach a bh'ann de Witt, is e an aghaidh nan Rìoghairean. Cho-rèitich esan còrdaidhean fabharach còmhla ri Sasainn, A' Phortagail agus An Danmhairg agus leasaich e ìompaireachd nan Tìrean Ìsle thal san san Innd-Innse. Ach bha an dùthaich air a bhith ann an droch staing phoileataigeach fad mòran bhliadhna. Nuair an tug Sasainn, An Fhraing agus easbaigeachdan Münster agus Köln ionnsaigh air Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte chaidh esan agus a bhràthair mòr Cornelius a chur gu bàs[4] le gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangaich ann an Den Haag air 20 an Lùnasdal 1672.

Dh'fhoillsich de Witt an leabhar Elementa curvarum linearum (Gàidhlig: Eileamaidan nan loighnichean lùbte) ann an 1658.[5]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. MCS
  2. NNDB
  3. MCS
  4. Geni
  5. CERN