Johan Gottlieb Gahn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Johan Gottlieb Gahn
Gahn Johan Gottlieb.jpg
Beatha
Breith Ovanåker, 19 dhen Lùnastal 1745
Dùthaich  An t-Suain
Bàs Falun, 8 dhen Dùbhlachd 1818
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Uppsala
Stiùiriche an teusais Torbern Bergman
Luchd-teagaisg Torbern Bergman
Dreuchd
Dreuchd ceimigear
Ballrachd Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan

B' e ceimigear às an t-Suain a bha ann an Johan Gottlieb Gahn. Bha e ainmeil airson a thaisgealaidh mangaineis. Rugadh e ann an Voxnabruk, (Ovanåker) agus bha e na oileanach ann an Oilthigh Uppsala.[1] Dh'obair e mar cheimigear airson Bòrd nam Mèinnean ann an Uppsala. Bha e cuideachd na bhall Pàrlamaid ann an 1778-1779 agus 1809-1810. Chuir e aithne air Jöns Jacob Berzelius ann an 1805 agus dh'obair iad ri chèile. Cheannaich iad, còmhla ri Hans Peter Eggertz, an fhactaraidh cheimigeach ann an Gripsholm. Lorg iad an-sin eileamaid ùr, selenium, ann an 1817.[2]

Urraman[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'ainmicheadh gahnait, ZnAl2O4, air.[3]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. J Gottlieb Gahn, http://sok.riksarkivet.se/sbl/artikel/14647, Svenskt biografiskt lexikon. Air a tharraing 26 am Màrt 2016.
  2. Jan Trofast, Berzelius' Discovery of Selenium, Chem. Intl., 2011, 33(5).
  3. mindat.org: Gahnite (Beurla). Air a tharraing 26 am Màrt 2016.