Carl Pontus Gahn
Coltas
Carl Pontus Gahn | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
1 dhen Chèitean 1809 - 2 dhen Chèitean 1810
30 dhen Iuchar 1810 - 13 dhen t-Samhain 1810
13 dhen Ghiblean 1812 - 18 dhen Lùnastal 1812
1813 - 1820
6 dhen Mhàrt 1815 - 9 dhen Lùnastal 1815 | |||||||||||
Beatha | |||||||||||
Breith | Falu Kristine church parish (en) , 1 dhen Mhàrt 1759 | ||||||||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||||||||
Bàs | Jakob and Johannes parish (en) , 9 dhen Chèitean 1825 | ||||||||||
Teaghlach | |||||||||||
Athair | Hans Jacob Gahn | ||||||||||
Màthair | Anna Maria Schulzen | ||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||||
Fine | Gahn af Colquhoun (en) | ||||||||||
Foghlam | |||||||||||
Foghlam |
Oilthigh Uppsala (1769 - 1776) | ||||||||||
Dreuchd | |||||||||||
Dreuchd | luchd an airm | ||||||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||||||
Seirbheis san arm | |||||||||||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||||||||||
Strì |
Rèabhlaid Ameireaganach Russo-Swedish War of 1788–1790 (en) Finnish War (en) |
B' e saighdear às an t-Suain a bha ann an Carl Pontus Gahn af Colquhoun.
Rugadh e ann am Falun ann an 1759 agus chaidh e san arm agus e ach 14 bliadhna a dh'aois. Ann an 1778 chaidh e ann an seirbheis na Frainge is shabaid e ann an trì iomairtean an aghaidh na Rìoghachd Aonaichte. Shabaid e cuideachd airson nan Tìrean Ìsle an aghaidh na h-Ostaire is airson nam Pruiseanach ann an Silesia. As dèidh dha thilleadh dhan Suain bha e an sàs ann an iomairtean ann am Fionnlann.
Chaidh uaisleachadh ann an 1809 is ghabh e an ainm "af Colquhoun" air sgàth 's gun do chreid e gun robh a theaghlach aig Clann a' Chombaich. Chaochail e ann an 1825.[1]
B' e bràthair Johan Gottlieb Gahn, ceimigear a lorg mangaineis.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “[https://runeberg.org/sbh/a0379.html Svenskt biografiskt handlexikon / I:379]” (Suainis). Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ “Johan Gottlieb Gahn” (Nirribhis). Store norske leksikon. Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2019.