Johan Cruyff
| Johan Cruyff | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Ainm slàn | Hendrik Johannes Cruijff |
| Breith |
Betondorp (en) |
| Dùthaich |
|
| Ciad chànan | Duitsis |
| Bàs | Barcelona, 24 dhen Mhàrt 2016 |
| Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse an sgamhain) |
| Teaghlach | |
| Cèile |
Danny Coster (mul) |
| Clann |
liosta
|
| Foghlam | |
| Foghlam |
Sunday school (en) |
| Cànain |
Duitsis Spàinntis |
| Dreuchd | |
| Dreuchd |
cluicheadair ball-coise nan comann, manaidsear buill-choise agus coach (en) |
|
Com-pàirtiche
| |
| Ionad no sònrachas |
cluicheadair-meadhain toisiche |
| Cuideam | 68 kilogram |
| Àirde | 178 centimetre |
| Duaisean a fhuaras |
liosta
|
| IMDb | nm1095991 |
| johancruyff.com | |
B' e cluicheadair agus manaidsear ball-coise às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Johan Cruyff (IPA: ˈjoːɦɑn ˈkrœy̆f, ainm slàn: Hendrik Johannes Cruijff, Amsterdam, 25 an Giblean 1947–Barcelona, 24 am Màrt 2016).[1]
Cluicheadair
[deasaich | deasaich an tùs]Thoisich Cruyff ri cluiche còmhla ri Ajax, sgioba a bhaile aige fhèin, ann an 1957, nuair a bha e na bhalach òg. Chaidh e dhan sgioba mòr ann an 1964,[2] far a chuir e seachad 9 bliadhna, mus do chuir e ainm do chùmhnant airson Barcelona, thall san Spàinn.[3] Dh'fhuirich e an-siud is e na chluicheadair gu ruige 1978. nuair a dh'fhàg e an Roinn-Eòrpa airson na Los Angeles Aztecs, fad seusan, agus seusan eile leis na Washington Diplomats sna Stàitean Aonaichte. An uair sin thill e dhachaigh gu Levante, ann an València, Ajax a-rithist agus mu dheireadh thall seusan le Feyernoord ann an Rotterdam. A bharrachd air sin, chluich e 48 geamaichean airson sgioba nàiseanta nan Tìrean Ìsle.
Manaidsear
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh Feyernoord a leigeil ann an 1984, thoisich e a bhith na mhanaidsear còmhla ri Ajax, far an do chuir e seachad trì bliadhna.[4] Thill e gu Barcelona ann an 1988,[5] far an robh e uabhasach soirbheachail mar mhanaidsear fad ochd bliadhna. Leig e dheth a dreuchd an siud ann an 1996. Bha e os cionn sgioba nàiseanta Catalòinia eadar 2009 is [2011].[6] Phòs Cruyff le Danny Coster ann an 1968. Tha triùir duine-chloinne aca: Chantal, Susila agus Jordi. Thug iad an t-ainm Jordi air nuair a bha na h-ainmean Catalanach mì-laghail san Spàinn, ri linn Deachdaireachd Franco. Tha na daoine ann an Catalòinia uabhasach measail air air a shon. Thathar dhen gur e an cluicheadair as fheàrr a bh' ann a-riamh san Roinn-Eòrpa.[7]
Chaochail e ann an 2016.[6]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “Explore the World of Johan Cruyff”. Johan Cruyff Management. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “JOHAN CRUYFF”. International Football Hall of Fame. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ Ajax
- ↑ “1969–1978. Cruyff, democràcia” (Catalanais). FC Barcelona. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ Ajax
- ↑ “1988. El retorn de Johan Cruyff” (Catalanais). FC Barcelona. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
- 1 2 Welch, Julie (24mh dhen Mhàrt 2016): “Johan Cruyff obituary: Europe's first football superstar”. The Guardian. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ Die größten Fußballer der Geschichte