Jaén (provincia)
Jaén
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Jaén | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 13,496 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 670,600 (2014) | ||||
Dlùths | 49.69/km² | ||||
Àireamh fòn | + (953) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Jaén (IPA: xaˈen). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Jaén a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Jaén fad 13,496km²[3] agus tha 670,600 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 14mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 25mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Albacete, Ciudad Real, Córdoba agus Granada.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Villa Gaiena ann an Laideann a tha an t-ainm, ged a bhìte a’ chleachadh an ainm Auringis airson a’ bhaile fhèin aig àm nan Ròmanch.[6] A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à جيان (Jayyān) ann an Arabais a tha e. Tha teòiridh eile ann a tha ag ràdh gur ann à Dayan no (britheamh) ann an Eabhra a thàinig an t-ainm.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Eaconomaidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann crochte air àiteachas a tha eaconomaidh na roinne, gu seachd-àraidh dearc-ola airson ola-chroinn-ola a dheànamh. Thathar a' deànamh 1,015,697 tunna fad 550,000ha gach bliadhna - 25% fearann na Spàinne agus 42% Andalusia.[8] 'S e 50% dhe na dearcan-ola na dùthcha a tha gam fàs anns an roinn seo.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Cortés y López, Miguel (1835). Diccionario geográfico-histórico de la España antigua, Tarraconense, Bética y Lusitana: con la correspondencia de sus regiones, ciudades, montes, ríos, caminos, puertos e islas a las conocidas en nuestros días. Imprenta Real, Madrid. p. 169 - Tomo I. OCLC 645251138.
- ↑ Galmés de la Fuente, Álvaro (2000). Real Academia de Historia (Madrid), ed. Los topónimos: sus blasones y trofeos (la toponimia mítica)». p. 62.
- ↑ Ministerio de Agricultura, Alimentación y Medio Ambiente