Baeza

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Baeza
Bandera de Baeza (Jaén).svg Coat of Arms of Baeza (Spain).svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Baeza 02.jpg
Baeza - Location.png
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Spain.svg An Spàinn
Ceàrn Bandera de la provincia de Jaén.svg Jaén
Sgìre Flag of Andalucía.svg Andalusia
Co-chomharran 38° 00′ 42″ Tuath
03° 22′ 18″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 194.3 km²
Àireamh-shluaigh 15,841 (2014)
Dlùths 81.53/km²
Àireamh fòn 953
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile eachdraidheil faisg air Úbeda ann an Andalusia (An Spàinn) a th' ann am Baeza (IPA: baˈeθa). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 769m os cionn ìre na mara, anns an Roinn Jaén, 48km air falbh bho Jaén fhèin. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 15,841 duine a' fuireach ann.[1]

Freumahn an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S e ainm ro-spàinnteach - Biatia - a th' ann an Baeza, ged a tha coltas Arabais air, bho بياسة (Bayyasa), air sàilleabh gu robh an sgìre na pàirt Al-Andalus fad linntean.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar air tòrr thobhtaichean a lorg bho na linntean mus do ràinig na Ròmanaich. Bha dùn Ibereach, air an robh Iltaca, pìos beag air falbh. Dh'atharraich na Ròmanaich an t-ainm gu Beatia agus dh'fhàs am baile mòran, gus an do rinn na Bhandalaich sgrios air ann sgìre agus thuit an eaconomaidh ann an droch staing. Chan ann mus do ràinig na h-Arabaich a thoisich am baile a dh' fhàs a-rithist, o chionn's gu robh e leth-shligheach eadar trì rìoghachdan cudromach. An dèidh Bhlàir Navas de Tolosa bha Baeza na phrìomh-bhaile Taifa Bhaeza, nach do mhair ach 15 Bliadhna. Thuit am baile ann an làmhan nan Crìosdaidh ann an 1227 agus chaidh a h-uile càil a dhoilidh fo Chrùn na Castilla.[2] Bha am baile seo cho beairteach tro Aois an Òir gun do thog an ailtire Andrés de Vandelvira a' Chathair-eaglaise a chithear an latha an-diugh.[3] Thàinig an trèana - agus turasachd - ann an 1870.[4]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. INE
  2. Historia de España, Ramón Menéndez Pidal, Tomo XIII, Castilla y León (1217-1349), Espasa-Calpe, Madrid 1990 ISBN-84-239-4800-5
  3. UNESCO
  4. Spanish Railway
  5. Bozal, Valeriano (1973). Historia del arte en España. Fundamentos, Madrid, Istmo. ISBN 8470900250. OCLC 639104081.